Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

10 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Bheir Breatainn barrachd airgid seachad dhan na reubaltaich ann an Siria - còig millean not uile gu lèir. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach pàigh e airson armachd ge-tà - 's gun tèid a chleachdadh airson uidheamachd eile agus gnothaichean meidigeach a cheannach.

Saighdearan

Tha fireannach le èideadh airm Afganach air an dèidh triùir shaighdearan Ameireaganach a mharbhadh ann an sgìre Helmand. Thuirt oifigich ann an Afganastan gun robh na saighdearan, a bh' anns na feachdan sònraichte, an dèidh bhith aig diathad còmhla ri commandair anns an sgìre. Chaidh duine a leòn anns an ionnsaigh cuideachd.

Còmhdhail sgòile

Chuir buidheann an SNP ìmpidh air Comhairle nan Eilean Siar stad a chur air atharrachadh ann am poileasaidh a bhiodh a' ciallachadh gun cailleadh cuid a' chloinn còmhdhail an asgaidh. Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Manford gum biodh e cunnartach nam biodh aig clann ri coiseachd dhan an sgoil. Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ge-tà gu bheil e a' cur iongnadh air gun do thog Mgr Manford agus an SNP an cuspair seo. Bha e ag ràdh gun robh Mgr Manford na chathraiche air Comataidh na Comhdhail aig an àm a chaidh an t-atharrachadh aontachadh mar phàirt de bhuidseatan agus nach do thog e fhèin no buidheann an SNP draghan nuair a chaidh e troimhe.

Loganair

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar coinneamh leis a' chompanaidh adhair Loganair, 's dragh a' sior èirigh mu na tha de sheirbheisean adhair as na h-Eileanan a' falbh air dheireadh, neo gan cur dheth buileach. Tha luchd-siubhail ag ràdh gu bheil daoine a' call phlèanaichean eile air sgàth sin agus gu bheil Loganair gu tric a' cur a' choire air trioblaidean teicnigeach.

Tobin

Tha am mortair Peadar Tobin anns an ospadal is dùil gun do ghabh e grèim-cridhe. Bidh Tobin anns a' phrìosan airson a' chòrr dha bheatha airson Vicky Hamilton, Dinah McNichol agus Angelika Kluk a mharbhadh.