Tubaist-rathaid mhairbhteach air an A82

Chaochaill boireannach 35 bliadhna de dh'aois, ann an tubaist rathaid air an A82 Didòmhnaich.

Chaidh a h-ainmeachadh mar Claire Dhòmhnallach às Inbhir Nis.

Thachair an tubaist tràth sa mhadainn faisg air Obar Itheachain.

Chaidh fireannach a bh' anns a' chàr còmhla rithe a thoirt dhan ospadal air a dhroch leòn.

Cha deach dràibhear a' charbaid eile a ghoirteachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile