Slighe aiseig ùr do dh'Ìle

Aiseag Ìle
Image caption Tha muinntir Ìle air a bhith mì-thoilichte leis an naidheachd gum bi am Finlaggan air falbh fad còig mìosan thar a' Gheamhraidh.

Cuiridh Caledonian Mac a' Bhriuthainn slighe aiseig a bharrachd air dòigh airson Ìle thar a' Gheamhraidh.

Ach aig coinneimh ann am Bogh Mòr dhearbh ceannard na companaidh, Màrtainn Dorchester, gum falbhadh am Finlaggan airson a' bhith a' frithealadh sheirbheisean eadar Ùige an Eilein Sgitheanaich, na Hearadh agus Uibhist a Tuath.

Chan eil fhios fhathast cò am bàta a thèid a chur air an t-slighe ùir, ach dh'fhaodadh gur i an Lord of the Isles, no an Hebridean Isles a bhios ann.

Chuir BP Earra-Ghàidheal Ailean Reid fàilte air an naidheachd, ag ràdh gun robh e an dòchas gun leanadh an t-seirbheis a bharrachd an ath Shamhradh.

Ach cuideachd thuirt e gun robh dragh air daoine nach robh e comasach dhaibh fhathast seòlaidhean a chur air doigh thairis air a' Gheamhradh air sgàth 's nach do dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba structar chìsean ùra fhathast.

Thuirt e gun robh dragh ann gun cailleadh Ìle luchd-turais mur a deadh seo a rèiteachadh san aithghearrachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile