Boireannach ga goirteachadh ann an teine

Chaidh boireanach, 83, a chumail san ospadal oidhche na Sàbaid an dèidh a goirteachadh ann an teine na dachaigh ann an Uibhist a Tuath feasgar.

Chaidh a toirt gu ospadal an Ath Leathainn le heileacoptair an dèidh an teine ann an Cladach a' Chaolais.

Thuirt dotairean gun robh i ann an staid chofhurtail san ospadal.

Tòisichidh rannsachadh leis na poilis agus an t-seirbheis smàlaidh air na dh'adhbharaich an teine, Diluain.