An Greumach na Phròbhost

Iain MacIlleDhuinn is Ailig Greumach Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Ceannard a' Bhaile, Iain MacIlleDhuinn is Pròbhost Ailig Greumach.

'S e an Comh. Ailig Greumach pròbhost ùr Inbhir Nis.

Rugadh agus thogadh Mgr Greumach, a tha na Lib-Deamach, ann am Borgh ann an Leòdhas agus ghluais e gu Inbhir Nis aig deireadh nan 70an.

Tha e air a bhith na chomhairliche sa bhaile fad grunn bhliadhnaichean agus bho chionn ghoirid bha e na leas-Phròbhost.

Thuirt e gur e urram mòr a bh' ann dha ris nach robh e an dùil, is gu bheil obair mhòr a-nise roimhe:

"Am pàirt as cudromaiche den obair agamsa 's e a bhith a' togail cheanglaichean, a bhith a' riochdachadh a' bhaile, agus cuideachd a bhith a' neartachadh an spiorad de choimhearsnachd ann an Inbhir Nis.

"Tha tòrr bhailtean an dèidh sin a chall agus tha sinn fortanach gu bheil e againn fhathast sa bhaile seo," thuirt e.

Connspaid

Chan ann gun chonnspaid a bha an gnothach ge-tà agus buidheann-riaghhlaidh Comhairle na Gàidhealtachd air dreuchd a' Phròbhoist atharrachadh.

Chaidh na comhairlichean Glynis Nic na Ceardaich (SNP) agus Bet NicAlasdair (Làbarach) a thaghadh mar iar-Phròbhastan agus obair ùr ga cruthachadh, Ceannard a' Bhaile.

'S e an Nàiseantach Iain MacIlleDhuinn a bhios san obair ùir, agus gabhaidh esan os làimh tòrr den obair a b' àbhaist a bhith an urra ri dreuchd a' Phròbhoist.

Bidh Ceannard a' Bhaile os cionn Comataidh Inbhir Nis den Chomhairle agus bidh dleastanas air son maith a' bhaile a dhìon ann am poileasaidhean na buidhne.

Choisich an comhairliche neo-eisimileach Seumas Crawford a-mach à coinneamh na Comhairle is e ag ràdh nach robh mandat aig a' bhuidhinn-riaghlaidh son dreuchd eachdraidheil a' Phròbhoist atharrachadh.

Thuirt Mgr Crawford gun robh an SNP a' toirt seachad òrdughan dha na comhairlichean aca air mar a bu chòir dhaibh a bhith a' bhòtadh, is mar sin gum biodh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a-nise os cionn Inbhir Nis.

Thuirt Mgr MacIlleDhuinn gun robh e gòrach dha-rìribh a bhith ag ràdh gum biodh buaidh idir aig Ailig Salmond air cùisean, is gun robh a' Chomhairle air obair a' Phròbhoist a roinn eadar dithis air sgàth cho mòr 's a tha uallach na h-obrach.