Prìsean sìos aig Fèill mhòr na Luirge

  • Air fhoillseachadh
Uain
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh còrr is 16,000 uan a reic air an fhèill.

Thuit prìsean am bliadhna aig tè de na fèilltean uan as motha anns an Roinn Eòrpa.

Chaidh faisg air 16,213 uan a reic aig fèill na Luirge Dimàirt - àrdachadh air a' bhliadhna an-uiridh.

Chaidh uain fhireann a reic aig £57.10 sa chumantas, sìos còrr is £1.65 air an-uiridh.

Air a' cheann thall chaidh uain bhoireann a reic air £69.12 sa chumantas, sìos cha-mhòr £2.78 air an-uiridh.

Bha measgachadh de phrìsean ann ge-tà, is chaidh na h-uain bhoireann aig Joyce Chaimbeul às Armadail a reic aig £175, a' phrìs as àirde a-riamh aig an fhèill.

Thuirt an Àrd-Fhear Rùp, Dàibhidh Leggat, gur i an t-sìde chaochlaideach am bliadhna a bu choireach ri cho measgaichte 's a bha prìsean.

"Tha an t-side air buaidh a thoirt a' ghnothach," thuirt e.

"Ma tha i tioram tha sin na chuideachadh dha na h-uain."

"Chìthear an-diugh feadhainn nach eil e a' coimhead cho math - is feumaidh gun tàinig iadsan à sgìrean far an robh barrachd uisge no far an robh i nas fhuaire."

"Sa chumantas ge-tà, bha na h-uain glè mhath am bliadhna," thuirt e.