Adhartas nan Leòdhasach

Camanachd Leòdhais Image copyright Camanachd Leòdhais
Image caption Chluich Camanachd Leòdhais anns an lìog airson a' chiad turais ann an 2011.

Thuirt Camanachd Leòdhais gu bheil iad glè thòilichte leis an adhartas a rinn iad san dàrna seusan aca ann an Lìog Tuath 3.

Fhuair na Leòdhasaich ballrachd san lìog son a' chiad uair ann an 2011, is Comann na Camanachd ag ràdh gun toireadh iad sùil eile air an t-suidheachadh aig deireadh an t-seusain.

Chrìochaich na Leòdhasaich aig bonn na lìge le 3 puingean ach chluich iad na geamaichean air fad aca, is sheall iad gun robh iad airidh air làn-bhallrachd, rud a fhuair iad aig deireadh an t-seusain.

Chaidh adhartas a bharrachd a dhèanamh am bliadhna.

Tha e cinnteach mar thà nach crìochnaich na Leòdhasaich aig a' bhonn agus 8 puingean aca.

A rèir is mar a thèid an geama mu dheireadh aig Srath Ghlais, dh'fhaodadh gun crìochnaich na Leòdhasaich cho àrd ris an 8mh àite.

Toilichte

"Tha sinn toilichte leis an t-seusan seo," thuirt Pòl Duke bho Chamanachd Leòdhais.

"Tha sinn air barrachd a dhèanamh a thaobh thadhal agus phuingean agus chan eil sinn aig a' bhonn," thuirt e.

Fhuair an cluba spionnadh cuideachd le adhartas nan cluicheadaran òga aca, a fhuair barrachd chothrom air cluich am bliadhna.

Sa chiad sheusan bha na Leòdhasaich a' cur feum mhòr air cluicheadaran le eòlas sam bith air farpais, agus tric bha an fheadhainn òga air a' bheingidh.

"An-uiridh bha sinn a' feuchainn ri geamanan a thoirt dhaibh, ach am bliadhna tha feadhainn dhiubh air a bhith a' tòiseachadh dhuinn agus feadhainn fiù 's a' cluich nan 90 mionaidean," thuirt Pòl Duke.

"Tha iad a' dèanamh uabhasach fhèin math agus tha sinn airson barrachd òigridh a thoirt a-steach dhan gheama agus dhan sgioba againn," thuirt e.

Bidh sin garbh fhèin cudromach, tha fios, son suidheachadh na h-iomain a neartachadh ann an Leòdhas is na Hearadh anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Atharrachadh

Bidh aon atharrachadh car bunaiteach an ath-bhliadhna is Pòl fhèin air dreuchd a' mhanaidsear fhàgail, ged a bhios e fhathast a' cluich dhan sgioba.

"An obair a bhios am manaidsear a' dèanamh, 's e obair gu math cruaidh a th' ann agus tha tòrr dheth sin a' tachairt aig an taigh, agus sin an t-àm a tha mise airson fhaighinn air ais agus a chur a-steach dhan teaghlach agam.

"S e an t-àm ceart a th' ann dhomhsa agus dhan sgioba," thuirt e.

Chan eil teagamh nach do rinn Duke obair mhòr gus na Leòdhasaich a stèidheachadh mar sgioba lìge, is na bunaitean a-nise ann an àite son às bith cò thig na àite.

Bidh dùbhlain eile mu choinneamh nan Lèodhasach a-rithist an ath-bhliadhna ach bidh iad miseachail gum b'urrainn dhaibh an tuilleadh adhartais a dhèanamh.

Moiteil

Faodaidh iad a bhith moiteil cuideachd mun dòigh san do làimhsich iad iad fhèin thar an t-seusain, is iad gu follaiseach air tòrr chàirdean a dhèanamh.

Chunnacas sin as dèidh a' gheama mu dheireadh den bhliadhna - geama a chaill Leòdhas 12-0 an aghaidh na Manachainn - agus geama a bhuannaich an lìog dhaibhsan.

A dh'aindeoin a' phronnaidh a fhuair iad, chruinnich na Leòdhasaich gus am basan a bhualadh agus urram a shealtainn dhan sgioba a thog an tiotail.

'S beag an t-iongnadh gun do rinn làrach-lìn na Manachainn moladh sònraichte air Camanachd Leòdhais agus na prionnsabalan spòrs a th' aig cridhe na sgioba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile