Togail-fianais an Steòrnabhagh

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Gheibhear còmhdhail an asgaidh ma tha clann a' fuireach nas fhaide na dà mhìle bhon sgoile aca an-dràsta.

Tha dùil gum bi mu 100 duine a' togail fianais aig prìomh oifis Comhairle nan Eilean Siar Diciadain an aghaidh phlanaichean gus an t-astar ceadaichte airson còmhdhail-sgoile an asgaidh àrdachadh.

Bhiodh na planaichean a' ciallachadh nach fhaigheadh clann a tha a' fuireach nas fhaisge na trì mìle bhon sgoil aca cothrom air còmhdhail an asgaidh, 's gum feumadh am pàrantan pàigheadh air a son.

Tha an t-astar stèidhichte aig dà mhìle an-dràsta.

Tha dragh air cuid de phàrantan mu sàbhailteachd nan robh aig an cuid chloinne ri coiseachd chun na sgoile air oir an rathaid.

Chan eil mòran phàrantan toilichte nach cuala iad bhon Chomhairle mu na h-atharraichean gu Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile