BBC Naidheachdan

Aithisg an Rathaig Mhòir ga deasbad

Published
image captionThuirt an ospadal gu bheil iad air dèiligeadh ris na chaidh a thogail san aithisg.

Beachdaichidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air aithisg a rinn càineadh làidir air Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Cho-dhùin luchd-sgrùdaidh nach robh uardan glan gu leòr, agus gum bu chòir do phrìomh-nursaichean barrachd uallaich a ghabhail airson glainnead.

Seo an dèidh dhaibh tadhail air an ospadal gun fhiosta san Ògmhios.

Na bu thràithe am bliadhna bha aig an Ospadal ri uardan a dhùnadh air sgàth 's mar a sgap an galar Clostridium Difficile.