Strì nam busaichean gus leantainn
- Published
Gheall pàrantan anns na h-Eileanan an Iar cumail orra a' strì airson bhusaichean-sgoile an asgaidh dhan cuid chloinne.
Thog mu 100 pàrant agus leanaibh fianais air sràidean Steòrnabhaigh Diciadain, ged a chaidh dàil air poileasaidh ùr còmhdhail sgoile Comhairle nan Eilean Siar.
Bhiodh am poileasaidh ùr a' ciallachadh gum feumadh clann bun-sgoile a tha a' fuireach taobh a-staigh dà mhìle bhon sgoil agus clann àrd-sgoile a tha nas fhaisg na trì mìle, pàigheadh airson bhusaichean.
Bha CNES an dùil am poileasaidh a chur an sàs an t-seachdain seo, ach cha thachair e a-nise chun na Damhair.
Chan eil sin air na pàrantan a riarachadh.
"Dubh-chìs"
"S e dubh chìs a tha seo air pàrantan, ma tha sinn airson gum bi ar clann sàbhailte, feumaidh sinn pàigheadh," thuirt tè dhuibh, Anna Frater.
"Air Tìr-Mòr tha cabhsairean ceart aig a' chloinn air am bi iad a' coiseachd, tha pedestrian crossings ann - chan eil càil den a sin againn an seo."
"Tha iad (CNES) a' coimhead ri cosgais, seach sàbhailteachd," thuirt i.
Chan eil dàil sa phoileasaidh idir a' ciallachadh gu bheil an t-strì seachad, thuirt i.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad air tighinn gu co-dhùnadh deireannach.
"Mar a thuig mise, chan eil iad ach air sìneadh a thoirt dhuinn gus am feum sinn tòiseachadh pàigheadh, chan e gu bheil iad a' dol a dh'atharrachadh an inntinn mu dhèidhinn.
"Leis a sin, tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn cumail oirnn leis an t-strì a tha seo son chan eil e ceart is chan eil e sàbhailte."
"S e am feagal a th' oirnn gum feum leanabh a bhith air a leòn mus atharraich iad an inntinn," thuirt i.
Choinnich Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ris na pàrantan as dèidh dhaibh fianais a thogail.
Uallach
Thuirt Mgr Caimbeul gun do dh'èist e ri draghan nam pàrant ach gu bheil cosgaisean nam busaichean-sgoile a' cur uallaich mhòir air sporan CNES.
Nan rachadh am poileasaidh a chur an dàrna taobh, thuirt e, dh'fheumadh a' Chomhairle sàbhaladh suas ri £60,000 a dhèanamh ann an roinn air choireigin eile.
"Tha sinn a' cosg £3m gach bliadhna air còmhdail na sgoile agus chosg sinn £200,000 a bharrachd air na bha coir an-uiridh.
"Tha sinn ann an suidheachadh air leth doirbh a thaobh ionmhais - chan eil duine againn airson seo a dhèanamh.
"Cha robh poileasaidh còmhdail sgoile cho fialaidh aig comhairle sam bith eile ann an Alba, agus 's e sin a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, 's e a bhith a' gluasad nas fhaisge air an t-suidheachadh a th' aca air feadh na dùthcha," thuirt e.