Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannard ùr na smàlaidh

Chaidh am fear a bhios na cheannard air Seirbheis Smàlaidh ùr na h-Alba ainmeachadh an-diugh mar Alasdair Hay. Tha Mgr Hay an-drasta na leas-ard oifigear air Seirbheis Smàlaidh Taobh Tatha, agus bidh uallach air obair-ullachaidh a dhèanamh airson na h-ochd seirbheisean roinneal a thoirt còmhla mar feachd aonaichte aig toiseach a' Ghiblein an ath-bhliadhna. Thèid an ceannard a bhios os cionn feachd poilis ùr na h-Alba ainmeachadh aig deireadh n h-ath-mhìos.

Far-chluais

Nochd Andaidh Coulson, a bha na mhanaidsear conaltraidh aig Dàibhidh Camshron, agus sianar eile, mu choinneamh mhaighstirean lagha ann an Westminster an-diugh fo chasaidean far-chluis fònaichean. S' iad a' chiad fheadhainn a th'air nochdadh sa chùirt bhon a chaidh rannsachadh ùr a chur air chois le Scotland Yard san Fhaoilleach an-uiridh. Chaidh an leigeill ma sgaoil air urras, agus chaidh innse dhaibh gum feum iad nochdah aig Cùirt a' Chrùin ann an Southwark air an 26mh den t-Sultain.

Am Prionnsa Philip

Tha am Prionnsa Philip a' cur seachad là eile san ospadal ann an Obar Dheathain, far a bheil cobhair ga dhèanamh air airson tinneas aotroman. Chaidh am prionnsa a thoirt dhan ospadal feasgar an-dè, is e fhèin is buill eile den teughlach rìoghail air laithean-saora ann am Baile Mhoireil.

Julian Assange

Dh'iarr màthair Julian Assange air dùthchanan na cruinne cùl-taic a chur ri co-dhùnadh Ecuador comraich-phoileataigeach a thabhainn dha mac. Bha Cairistiona Assange a' bruidhinn agus riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gum faod poilis a dhol a-steach gu Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn airson Mgr Assange a chur an-grèim. Tha e air a bhith a' fuireach san Ambasaid fad dà mhìos, a' cur bacadh air oidhirpean Bhreatainn a chur dhan t-Suain a fhreagairt casaidean gun tug e ionnsaighean drabasta air dithis bhoireannach.

Bùithtean

Chaidh barrachd stuth a reic le bùithtean Bhreatainn air a' mhìos a chaidh, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Tha na h-àireamhan as ùra a' sealltainn àrdachadh do 0.3% airson an Iuchair. Tha an Oifis cuideachd air àireamh airson na h-Ògmhìos àrdachadh gu 0.8%

Nigeria

Agus thuirt ceann-suidhe Nigeria, Goodluck Jonathan, gum feum ath-leasachadh a dhèanamh air spòrs anns an dùthaich - is e mì-thoilichte nach do bhuinnig Nigeria bonn olimpiceach do sheòrsa sam bith ann an Lunnainn. Tha dùil gun do chosg Nigeria, aig a bheil an àireamh sluaigh as àirde ann an Afraga, timcheall air £10m air na geamachan.