Dàil air obair rathad an t-Sròim

Rathad air an rèile Image copyright Other
Image caption Chaidh bratan rubair a chur air an loidhne-rèile a leigeil le carbadan dràibheadh air fhad 's a bha an rathad dùinte.

Cha thòisich an obair airson fuasgladh maireannach fhaighinn air trioblaidean seach-rathad an t-Sròim gu 2015 air a' char as tràithe.

Sin na chluinneas comhairlichean na Gàidhealtachd aig coinneamh Diardaoin.

Chaidh an rathad a dhùnadh mu dheireadh ri linn maoime-slèibhe goirid ron Nollaig.

Chaidh bratan rubair a chur air an loidhne-rèile ri taobh an rathaid airson 's gun giùlainneadh an loidhne trafaig fhad 's a bhathas ag obair air an ràthad a chàradh.

Seallaidh a' Chomhairle ri diofar roghainnean mus tig iad gu co-dhùnadh mu dè an taobh a ghabhas iad.

Thathas a' tomhais gum faodadh am pròiseact £116m a chosg air a' cheann thall, agus roghainn aca eadar cabhsair a thogail son an rathad a ghiùlain, drochaid thar a' chaolais, no rathad ùr a thogail tron mhòintich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo