Sgoiltean ùra gam fosgladh do sgoilearan
- Published
Fosglaidh Àrd-sgoil ùr MhicNeacail do sgoilearan Diardaoin.
Chosg am pròiseact, a thug dà bhliadhna, £29m.
Tha Aonghas MacIllinnein, a tha na Iar-Cheannard aig an sgoil, den bheachd gun còrd i ris a' chloinn:
"Saoilidh mi gun gabh iad suim mhòr dhan togalach fhèin, gu bheil e eireachdail dha-rìribh.
Dalabrog
"Gum bi iad nas ciùine - tha mi an dòchas - gum bi iad nas dìcheallaiche. Tha goireasan aca airson a bhith ag obair leotha fhèin air feadh na sgoile.
"Saoilidh mi gu bheil iad sònraichte math dheth a' tighinn a-steach an seo airson a' chiad uair.
"Tha mi an dòchas gun soirbhich leinn a thaobh foghlaim. 'S e sin am prìomh adhbhar a tha sinn ann gu h-àraid.
"Ach cuideachd gun tig leasachadh mòr air rudan a thaobh ciùil 's dràma 's gnothaichean den t-seòrsa sin.
"Nuair nach robh goireasan againn bha e doirbh sin a chur air adhart, ach chan eil leisgeul againn a-nis. Feumaidh sinn dìreach faighinn a dh'obair," thuirt e.
Cuideachd, fosglaidh sgoil ùr Dhalabroig ann an Uibhist a Deas Diardaoin, 15 mìosan bho thòisichear ga togail.
"Tha mise gu math fortannach cothrom fhaighinn ann an sgoil ùir mar seo airson a' chiad àite-teagaisg agamsa," thuirt Iona NicIlleDhuinn, a tha a' tòiseachadh na tidsear san sgoil ùir.
"Na sgoiltean eile far an robh mi air na greisean-gnìomhachais agam, cha robh iad idir cho spaideil ri seo, ged a bha goireasan air leth acasan cuideachd.
"Ach tha a h-uile rud a-staigh an seo ùr agus tha a h-uile cothrom aig a' chloinn na gnothaichean as ùire a chleachdadh, agus tòrr fhaighinn a-mach às an uidheamachd a th' aca anns an sgoil a tha seo tha mi a' smaoineachadh," thuirt i.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad toilichte dha-rìribh gu bheil iad air crìoch a chur air prògram far an deach sia sgoiltean ùra a thogail air cosgais còrr is £120m.