ICCI deich bliadhna de dh'aois

Ionad Chaluim Chille Ìle Image copyright ICCI
Image caption Bidh a' cholaiste a-nis a' ruith chùrsaichean air feadh Earra-Ghàidheal.

Tha Ionad Chaluim Chille Ìle a' comharrachadh gu bheil deich bliadhna ann Diardaoin bho dh'fhosgail a' cholaiste.

Tha an t-ionad mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) agus i fo sgèith Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig (SMO) san Eilean Sgitheanach.

Bidh an t-ionad ag amas gu sònraichte air cànan agus cultar na Gàidhlig a thoirt seachad.

Am measg rudan eile a tha a' dol gus an là a chomharrachadh, thèid Briain MacUilleim ainmeachadh mar neach-taic ùr na colaiste.

Tighearnas nan Eilean

"Aig an toiseach, deich bliadhna air ais, thòisich sinn le cùrsaichean SMO - Cùrsa Comais, agus BA Cànan is Cultar," thuirt Manaidsear na Colaiste, Niall Woodrow.

"An dèidh sin, thòisich sinn air cùrsa Ùlpan, agus bha sinn air a' chiad àite a bh' air sin a dhèanamh.

"Agus an-diugh tha sinn a' dèanamh chùrsaichean air feadh Earra-Ghàidheal - ann an Ìle fhèin, ann am Muile, ann an Ceann Loch Gilp agus Baile Èilidh.

"Agus tha sinn an dòchas gum bi sinn a' dèanamh chùrsaichean ann an Cinn Tìre, agus Dùn Òmhain cuideachd.

"Anns an ath dheich bliadhna, nì sinn Gàidhlig, Gàidhlig 's tuillidh Gàidhlig.

"Nì sinn cùrsa ùr ann an Gàidhlig Ìle, ach tha mi an dòchas gun dèan sinn dà chùrsa Ùlpan nan Ìleach, agus Cùrsa Ìnntrigidh nan Ìleach cuideachd," thuirt e.

Tha gu leòr a' dol air adhart aig an ionad airson an ceann-bliadhna a chomharrachadh.

"Bidh seachdain fhosgailte ann an ICCI, 's bidh taisbeanadh ùr ann ann an Gàidhlig Ìle mu dheidhinn Tighearnas nan Eilean," thuirt Mgr Woodrow.

"Sgrìobh Aonghas Moireach e, agus bha Màiri NicEanraig, a tha na tidsear Gàidhlig, a' bruidhinn ris mu dheidhinn, agus tha mi cinnteach gur e sin a' chiad taisbeanadh a bhios ann an Gàidhlig Ìle," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile