Rannsachadh slàinte sna h-Eileanan

Peann Insulin Image copyright Getty Images
Image caption Tha tinneas an t-siucair am measg nan tinneasan air an tèid coimhead.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh anns na h-Eileanan Siar air mar a tha teicneòlas ga chur gu feum a thaobh a bhith a' toirt cùraim do dhaoine air a bheil trioblaidean slàinte leantainneach.

'S iad Oilthigh Dhùn Dè, ann an co-bhann le NHS nan Eilean Siar, a tha a' dèanamh an sgrùdaidh.

Bidh an sgrùdadh aca stèidhichte air siostam a leasaich an oilthigh cheana airson teicneòlas a chleachdadh gus cùram a thoirt do dhaoine air a bheil aillse.

Coimheadair an toiseach ri dè dìreach na feumalachdan a th' aig euslaintich anns na h-Eileanan Siar, air a bheil leithid tinneas an t-siucair agus tinneas cridhe.

Bidh ionadan dotair air feadh nan Eilean a' gabhail pàirt anns an sgrùdadh, agus am fiosrachadh ga thionnail le ceisteachain.

Thuirt an tè a th' air ceann an sgrùdaidh, an Dr Roma NicGuaire, gur e àite gu math freagarach a th' anns na h-Eileanan airson an leithid.

"Anns na h-Eileanan Siar, tha eachdraidh de bhith ag adhartachadh agus ag ath-nuadhachadh teicneòlais," thuirt i.

"'S e pàirt den adhbhar airson sin, gum feumar cùram a thoirt do dh'euslaintich ann an coimhearsnachdan dùthchail iomallach.

"Leis an eachdraidh sin, 's e àite gu math freagarrach a bh' ann airson an obair seo a thoirt air adhart," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile