CNES a' lorg Stìuiriche Foghlaim ùir

Seonag NicFhionghain Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chuir a' Bh. Ph. NicFhionghain seachad trì bliadhna san obair.

Tha stiùiriche an Fhoghlaim agus nan Seirbheisean Cloinne anns na h-Eileanan an Iar, Seonag NicFhionghain, a' dol a dh'fhàgail a dreuchd aig deireadh na bliadhna.

Thòisich i san obair ann an 2009 agus san ùine aice aig an stiùir chaidh sia sgoiltean ùra a thogail anns na h-eileanan, aig cosgais £125m.

Chaidh sanas a-mach airson na h-obrach, le tuarastal a' tòiseachadh aig £75,000 sa bhliadhna.

Tha dùil gun tèid stiùiriche ùr a thaghadh às dèidh agallamhan anns an Damhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile