Am Bail Ùr gan tilgeil a-mach

Bail' Ùr an t-Slèibh le Cupa an t-Sutharlanaich.
Image caption Rinn am Bail' Ùr a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich sa chuairt dheireannaich - ach tha iad a-nise air an duais a chall.

Chaidh Cupa an t-Sutharlanaich a thoirt far Bhail' Ùr an t-Slèibh is iad air aideachadh gun do bhrist iad riaghailtean na farpais.

Thèid a-nise a' chuairt dheireannach a chluich a-rithist, an turas seo eadar Ceann a' Ghiuthsaich agus Gleann Urchadain.

Rinn am Bail' Ùr a' chùis air Gleann Urchadain 4-1 san iar-chuairt dheireannaich agus 5-4 air Ceann a' Ghiuthsaich sa chuairt dheireannaich.

Thàinig am bàrr às dèidh làimh ge-tà, nach robh còir aig fear de dh'iomanaichean a' Bhail' Ùir, Calum Stiùbhart, a bhith air cluich san dà gheama.

Bha an Stiùbhartach mar thà air còig geamaichean a chluich am bliadhna dhan phrìomh sgioba aig Bail' Ùr an t-Slèibh ron iar-chuairt dheireannaich de Chupa an t-Sutharlanaich.

Riaghailtean

Fo riaghailtean Chupa an an t-Sutharlanaich - cupa son nan dàrna sgiobaidhean - cha robh cead aige cluich a-rithist ann am farpais na bliadhna.

Chan eil an riaghailt a' bualadh air cluicheadaran a tha nas òige na 17 aig toiseach na bliadhna - ach bha an Stiùbhartach mar thà 17 an uair sin.

Bha pàirt cudromach aige san dà gheama cuideachd, le dà thadhal an aghaidh Ghlinne Urchadain agus a dhà a-rithist an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Thàinig Comataidh Modh na Spòrs aig Comann na Camanachd gu co-dhùnadh aig coinneamh oidhche Dhiardaoin.

"Thàinig oirnn co-dhùnadh a dhèanamh ann an cùis gu math tàmailteach," thuirt iad ann am brath sgrìobhte.

"Tha sinn air gabhail ris a' ghearain a thàinig bho Rianaiche Smachdachaidh Chomann na Camanachd an aghaidh Chamanachd Bhail' Ùr an t-Slèibh.

"Tha Bail' Ùr an t-Slèibh rim moladh a thaobh cho sgiobalta 's a dh'aidich iad gun deach riaghailtean Chupa an t-Sutharlanaich a bhriseadh, agus mar a làimhsich iad iad fhèin aig an èisteachd.

"Chan eil teagamh againn nach i mearachd onorach a rinn Bail' Ùr an t-Slèibh.

"San t-suidheachadh seo thug briseadh nan riaghailtean buaidh air dà gheama, an iar-chuairt-dheireannach agus a' chuairt dheireannach.

"Mar sin 's e ar co-dhùnadh - an aon cho-dhùnadh reusanta a bha fosgailte dhuinn - gum feum Bail' Ùr an t-Slèibh a chur às an fharpais agus Gleann Urchadain a chur troimhe dhan chuairt dheireannaich.

"Thèid toradh nan geamaichean a bh' ann cheana a dhubhadh às.

"Cluichidh Gleann Urchadain an aghaidh Chinn a' Ghiuthaich sa chuairt dheireannaich.

"Ar taing do Chomann na Camanachd son comhairle laghail spòrs fhaighinn dhuinn," thuirt iad.

Ceann-là

Cha deach ceann-là a stèidheachadh son na cuairte deireannaich fhathast.

Chan eil teagamh nach e cùis dhuilich a bha seo, cùis a thug aire air falbh bho gheama air leth eadar Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich.

Bha e caran tàmailteach cuideachd gur e balach òg, 17, a chaidh a chur aig teis-mheadhan a' ghnothaich gun choire sam bith air fhèin.

'S e faochadh a bhios ann gu bheil co-dhùnadh a-nise ann agus an gnothach seachad.

Bithear an dòchas cuideachd gun tèid leasanan ionnsachadh - an dà chuid leis na clubaichean agus cuideachd leis a' Chomann fhèin - is cuid air ceistean a thogail air carson a thug e cho fada mothachadh gun deach riaghailt a bhriseadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile