Cead ga mholadh do bhaile ùr

Ro-dhealbh den bhaile ùr Image copyright Other
Image caption Bhiodh 5,000 taigh anns a' bhaile ùr, a dheadh a thogail air talamh àitich.

Thèid iarrtas dealbhachaidh mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain airson baile ùr a thogail aig Tòrr na Grèine, eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

Ma thèid cead a thoirt don phlana aig Moray Estates, dh'fhaodadh gum bi 5,000 taigh air an làraich thairis air an 40 bliadhna a tha romhainn.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh am baile seo nas motha na baile Inbhir Narann fhèin, le mu 10,000 duine a' fuireach ann, agus mu 9,200 ann an Inbhir Narann.

Tha Moray Estates a' cumail a-mach gum biodh cothroman obrach na lùib 's gun deadh goireasan leithid bhùithdean a thogail.

A rèir an luchd-leasachaidh bhiodh ailtearachd traidiseanta a' nochdadh is iad ag amas air "coimhearsnachd sheasmhach" a thogail thar 40 bliadhna.

"Tha sinn airson àite air leth sònraichte a chruthachadh an seo," thuirt Anndra Howard, bho Mhoray Estates.

"Tha e garbh fhèin cudromach dhuinn gun dèan sinn an rud ceart an seo, seach leasachadh a dhèanamh san aithghearrachd," thuirt e.

Tha daoine a tha a' cur an aghaidh a' bhaile ùir ge-tà, a' togail ceist mun iarrtas a th' ann aig an àm seo air an leithid, agus mu cho leantainneach 's a bhiodh cothroman obrach ann.

Tha dragh ann cuideachd gun tarraing e sluagh a-mach à àiteachan eile air Ghàidhealtachd, a' lagachadh choimhearsnachdan a tha mar thà a' strì.

'S ann air talamh àitich a dheadh am baile a thogail, cois an A96, agus tha sin na adhbhar dragh do luchd-iomairt.

Thuirt Fabio Villani, a tha na Fhear-gairm air Meur na Gàidhealtachd 's nan Eilean de Phàrtaidh Uaine na h-Alba, gun robh am pàrtaidh aige an dòchas fhathast gun cuireadh a' Chomhairle an aghaidh a' phròiseict.

"B' e am beachd againne riamh, gum bu chòir dhuinn na bailtean a th' ann mar thà a leasachadh ann an dòigh mhaireannaich, seach a bhith a' cruthachadh baile ùir ann an àite a tha a' freagairt air an luchd-leasachaidh," thuirt e.

"Tha sinn den bheachd gu bu chòir taic a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, seach "Mòr-dhealbhachadh" de bhaile ùr a bhith air a thoirt air àite nach eil freagarrach.

"'S e sàr-thalamh àitich a th' ann, agus bu chòir gum fuirich e mar sin, gus sluagh a tha a' fàs ann an Alba - agus gun teagamh air Ghàidhealtachd gus mun Linne Mhoireibh - a bhiadhachadh.

"'S e ar dòchas fhathast gum faic na Comhairlichean ciall, agus gun cuir iad dìon air a' Ghàidhealtachd nas fharsainne, le bhith a' diùltadh cead-dealbhachaidh don phròiseact," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile