Margaidh ùr son a' mhaoraich a dhìth

Maosgain-chaola
Image caption B'àbhaist gur iad an Spàinn is an Fhraing a cheannaicheadh a' chuid mhòr de na ghlacadh iasgairean Albannach.

Tha riochdairean gìomhachas a' mhaoraich air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' strì airson toirt air daoine agus buidhnean anns an Rìoghachd Aonaichte, am maorach aca a cheannach, ri linn 's gu bheil a' mhargaidh Eòrpach, a tha luach nam milleanan, ann an cunnart tuiteam às a chèile.

Gu ruige seo, 's iad dùthchannan leithid na Spàinne agus na Frainge a bha a' ceannach a' mhòr-chuid de na ghlacas iasgairean Albannach.

Ach a-niste, tha staing an Euro a' fàgail nach fhaigh cuid de luchd-ceannaich an creideas a tha a dhìth orra airson iasg is maorach a cheannach, 's tha seo a' toirt buaidh air iasgairean.

Tha Comann Iasgairean Mhalaig agus an Iar-Thuath air taic-airgid de £100,000 fhaighinn bho Stòras Iasgaich na h-Eòrpa airson na tha iad a' reic a bhrosnachadh ann am bùithdean san dùthaich seo fhèin.