Cùrsa an aghaidh eucoir fiadh-bheatha

Ugh Image copyright Ugh
Image caption Tha mèirle uighean am measg an t-seòrsa eucorra an aghaidh fiadh-bheatha a tha a' dol air adhart.

Tha na poilis air trèanadh a thoirt seachad do rèinsearan coille air a' Ghàidhealtachd mu eucoir an aghaidh fiadh-bheatha.

B' e seo a' chiad là trèanaidh de a leithid sa cheann a tuath, is rèinsearan bhon Ghàidhealtachd is an Ear-Thuath a' faighinn stiùireadh bho oifigearan Poilis Roinn a' Mhonaidh agus Poilis a' Chinn a Tuath.

Fhuair iad fiosrachadh air dè dìreach a th' ann an eucoir an aghaidh fiadh-bheatha, dè an dleastanas a th' air uachdarain, agus ciamar a bu chòir làrach eucorra a dhìon.

"Tha eucoir an aghaidh fiadh-bheatha fada ro chumanta, agus 's e an rud as miosa mu dhèidhinn nach eil fios againn dè na tha a' dol air adhart, son far a bheil e a-muigh anns na beanntan, chan eil cinnt againn dè tha a' tachairt," thuirt Murchadh MacIlleathain, a bha ag obair dha na poilis ann a bhith a' dìon fiadh-bheatha.

"Na rèinsearan a tha seo, tha iad a-muigh ann a' shin, agus gu math tric s' iad a' chiad daoine a tha a' cluinntinn, tha daoine a tha a-muigh a' coiseachd ag innse dhaibhsan agus an uair sin feumaidh fios a bhith acasan dè nì iad.

"Mar as motha a tha fios aig daoine dè nì iad, 's ann as fheàrr a bhios cùisean agus gheibh na poilis an uair sin air rudan a thoirt gu neach-casaid a' chrùin agus dhan chùirt," thuirt e.

Thuirt na Poilis fhèin gu bheil eucoir an aghaidh fiadh-bheatha ro thric a' dol air adhart gun fhiosta dhaibh.

Tha iad an dòchas gum bi an trèanadh seo na chuideachadh ann a bhith a' toirt barrachd dhaoine gu lagh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile