Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

21 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fiachan

Dh'fhulaing planaichean an Riaghaltais son fiachan na dùthcha a ghearradh buille agus àrdachadh mòr a' tighinn air na ghabh iad de dh'airgead air iasad anns an Iuchar. Bha iasad na roinne poblaich aig £600m son na mìos le teachd a-steach air cìsean sìos agus cosgaisean an Riaghaltais air a dhol suas.

Seirbheisean adhair

Tha Virgin Atlantic ag ullachadh son dà sheirbheis ùr à puirt-adhair ann an Alba. Tha iad ag amas air seirbheisean à Obar Dheathain agus Dùn Èideann gu ruige Heathrow ro shamhradh an ath-bhliadhna. Tha a' bhuidheann thurasachd, VisitScotland, ag ràdh gun dèan na seirbheisean ùr feum do dh'eaconomaidh na h-Alba.

Tubaist-rathaid

Tha Polais a' Chinn a Tuath fhathast a' rannsachadh tubaist-rathaid air iomall Steòrnabhaigh an-dè anns an do chaill boireannach a beatha. Chaidh dithis eile a ghoirteachadh anns an tubaist eadar dà chàr beagan an dèidh trì uairean feasgar air an A857, faisg air Rathad nam Bèicearan. Chaidh aon chàr na theine agus b'fheudar dithis a ghearradh a-mach à càr. Tha an rathad eadar Steòrnabhagh agus Barbhas dùinte fhad 's a mhaireas rannsachadh nam poileas ach tha slìghe eile fosgailte timcheall air.

Neo-eisimileachd

Chuir Riaghaltas na h-Alba tagradh laghail air dòigh an aghaidh iarrtas bho Choimiseanar Saorsa an Fhiosrachaidh a dh'iarr air an Riaghaltas innse an d'fhuair iad comhairle laghail air cairdeas na h-Alba ris an Aonadh Eorpach mar dhùthaich neo-eisimeileach. B'e an-diugh an ceann-là son sin ach dhearbh an Riaghaltas gu bheil iad air a' chùis a chuir gu Cùirt an t-Seisein.

Gearraidhean

Thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air mar bu chòir £12m eile a ghearradh à buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd thairis air trì bliadhna. Ach thuirt ceannard buidseit na Comhairle, Dave Fallows, gu bheil iad fhathast ag amas air seirbheisean nas fheàrr a dh'aindeoin gearraidhean.

Tòrr na Grèine

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a deasbad phlanachan an-diugh airson baile ùr an ear air Inbhir Nis. Tha oifigich a' moladh cead san fharsaingeachd do phlana a chuireadh còig mìle dachaigh aig Tòrr na Grèine - ged a tha mòran a' cur an aghaidh nam planaichean sin.

Amar-snàimh

Cha tèid seann amar-snàimh Phort Rìgh a leagail an t-seachdain-sa mar a bha dùil, agus Chomhairle Choimhearnsachd a' bhaile ag iarraidh dàil air an obair. Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson son an toglach a leagail agus iad ag ràdh gu bheil e cunnartach agus nach gabh a chàradh