Dàil air obair amar-snàimh Phort Rìgh

Stiùbhart Mac a' Phearsain
Image caption Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gum bi e a' campachadh air an làraich co-dhiù chun na Nollaige.

Cha tèid seann amar-snàimh Phort Rìgh a leagail an t-seachdain seo mar a bha dùil.

Dh'iarr comhairle coimhearsnachd a' bhaile gun dèadh dàil a chur air an obair.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson an togalach a leagail agus iad ag ràdh gu bheil e cunnartach agus nach gabh a chàradh.

Tha fireannach air a bhith a' togail fianais an aghaidh leagail an togalaich, le bhith a' campachadh ri thaobh.

Tha Stiùbhart Mac a' Phearsain ag ràdh gur iad a' choimhearsnachd a bu mhotha a rinn strì airson an goireas fhaighinn, agus nach bu chòir a leagail.

Chaidh an t-amar-snàimh a dhùnadh o chionn ceithir bliadhna.

Tha ceist ann mu cò leis an togalach, ach tha a' Chomhairle a' cumail a-mach gur ann leotha-san a tha e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile