Cead gun bhòt do Thòrr na Grèine

Ro-dhealbh den bhaile ùr Image copyright Other
Image caption Bhiodh am baile ùr nas motha na tha baile Inbhir Narrann.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead a thoirt do bhaile ùr de 4,960 taigh eadar Inbhir Nis is Inbhir Narrann gun bhòt a chumail air a' chùis.

Thog grunn Bhall draghan mun iarrtas le Moray Estates, ach dh'innis oifigich nach gabhadh cur na aghaidh air adhbhar laghail sam bith a sheasadh leis gu bheil e mar thà mar phàirt de Phlana Leasachaidh Ionadail na Gàidhealtachd.

Dh'fheumadh gluasad a bhith ann, air a bhonntachadh air adhbhar laghail, airson bhòt a chumail air a' chùis.

Thuirt comhairliche na sgìre Roddy Balfour, a dh'fheuch ri gluasad a chur air adhart, gun robh "an leasachadh anns an àite ceàrr, leis gu bheil e air deagh thalamh àitich, 's gun cosnaidhean a bhith ann do na daoine."

Thuirt comhairliche ionadail eile, Tòmas Prag, ge-tà, gur e "leasachadh aig àrd-ìre, agus seasmhach" a bh' ann, 's gun robh e "mar thà ro anmoch cur na aghaidh, leis gu bheil e mar phàirt den Phlana Leasachaidh."

Dh'adhbharaich sin buaireadh san t-Seòmar, agus cuid, an Comh. Jim Crawford nam measg, a' faighneachd dè feum a bh' ann don Chomhairle a bhith ga dheasbad idir.

Thathas a' sùileachadh gum biodh mu 10,000 duine a' fuireach sa bhaile ùr, agus tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gum biodh cosnaidhean ann dhaibh aig Pàirce Ghnìomhachais Inbhir Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile