BBC Naidheachdan

Dàil ga iarraidh mu sgoil Ghàidhlig

Published

Thèid iarraidh air comhairlichean dàil a chur air co-dhùnadh mu càite an tèid sgoil ùr Ghàidhlig a' Ghearasdain a thogail.

Bidh moladh air beulaibh chomhairlichean na Gàidhealtachd a-màireach gur ann sa Chaol a bhiodh e, seach air làraich air a' Bhlàr Mhòr, agus dùil gum biodh sin ro chosgail.

Ach b' fheàrr le pàrantan gur ann air a' Bhlàr Mhòr a bhiodh e, agus thèid iarraidh air a' Chomhairle dàil a chur sa ghnothach gus am bi cosgaisean nan làraichean air an rannsachadh tuilleadh.