Smith ga cur às a dreuchd

Chaidh an tè a bha os cionn sheirbheisean conaltraidh dha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a chur a-mach às a dreuchd às dèidh èisteachd chronachaidh.

Bha casaid an aghaidh Jo Smith gun robh i air cunntasan fhosgladh air an làraich-lìn Facebook gus sùil a chumail air feadhainn a bha a' gearain mun Chomhairle.

Tha i an dùil tagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh na Comhairle, agus an t-aonadh aice, Aonadh Nàiseanta an Luchd-naidheachd, ag ràdh nach robh fianais sam bith ann gun do rinn i na bha sa chasaid na h-aghaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile