Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Dh'iarr Prìomhaire na Grèige tuilleadh ùine airson gearraidhean a chur an sàs a bheir cead dhan dùthaich air an ath chuairt de thaic-airgid bhon Aonadh Eòrpach. Thuirt Antonis Samaras gum feum a' Ghrèig beagan faochaidh gus am fàs an eaconamaidh aca.

Portagail

Chaidh nighean còig bliadhna de dh'aois à Breatainn agus a seanair a bhàthadh ann am Portagail. Tha e coltach gun do sguaib tonn mòr Lara Lewis agus Brian O'Dwyer a-mach gu muir aig Nazare, tuath air Lisbon. Tha seanmhair na h-ìghne san ospadal an dèidh a toirt às a' mhuir.

Tubaist mhairbhteach

Chaochaill nighean 17 bliadhna de dh'aois a bh' ann an tubaist-rathaid ann an Earra-Ghàidheal feasgar Diluain. Bha i ann an càr a bh' ann an tubaist air an A83 eadar Ceann Loch Gilp agus an Tairbeart. Thuirt poilis gun do chaochaill i ann an Infirmary Rìoghail Ghlaschu agus iad ag iarraidh cuideachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.

Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Thèid iarraidh air comhairlichean dàil a chur air co-dhùnadh mu càite an tèid sgoil ùr Ghàidhlig a' Ghearasdan a thogail. Bidh moladh air beulaibh chomairlichean Gàidhealach a-màireach gur ann anns a' Chaol a bhiodh i. Ach b' fheàrr le pàrantan làrach air a' Bhlàr Mhòr, ged a tha dùil gum biodh sin nas daoire. Thèid iarraidh air a' Chomhairle dàil a chur anns a' ghnothach gus an tèid na cosgaisean sin a rannsachadh.

Geòidh Uibhist

Tòisichidh sgeama as t-Fhoghair airson smachd a chur air na geòidh ann an Uibhist an dèidh do Riaghaltas na h-Alba airgead aontachadh do sgeama a mhaireas trì bliadhna. Tha dùil nach bi ach 4,000 geadh air fhàgail ann an Uibhist aig deireadh na sgeama. Tha gearainnean air a bhith a' sìor fhàs mun mhilleadh a tha na h-eòin a' dèanamh air talamh àitich air feadh nan eilean.

Prìs na Dibhe

Tha àimhreit aig Comhairle Northumberland ann an ceann a tuath Shasainn a thaobh am bu chòir dhaibh feuchainn ri Albannaich a thàladh airson deoch-làidir nas saoire a cheannach aon uair 's gun tèid bun-phrìs a chur air deoch-làidir ann an Alba. Tha cuid de bhuill Làbarach na Comhairle ag ràdh gum bu chòir airgead a chur ri sanasachd ann an Alba. Ach tha ball Tòraidheach ag ràdh gu bheil sin mì-mhoralta agus gun chùram.

Stagecoach

Dh'innis ceannard Stagecoach Sir Brian Souter, gu bheil e a' gabhail ceum air ais bho stiùir dha chompanaidh bus a chuir e air bhonn bho chionn 30 bliadhna. Bidh e a' fàgail obair làitheil na companaidh agus a' gabhail dreuchd mar chathraiche air a' bhuidhinn. Thòisich e le dìreach dà bhus ann am Peairt, ach tha a' chompanaidh air sgapadh air feadh an t-saoghail le luach £1.6bn air margaidh nan earrainnean.

Beinn Nibheis

Tha buidheann de chiorramaich a' dèanamh air mullach Beinn Nibheis an-diugh far an cuir iad a' dol lasair airson nan geamaichean para-limpigeach a tha a' tòiseachadh ann an Lunnainn an ath-sheachdain. Thèid lasraichean a chur a' dol cuideachd air na monaidhean as àirde ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.