Mì-chinnt mun Rest and Be Thankful

An A83 ann an Gleann Crò.
Image caption Tha maoimtean-slèibhe air an rathad a dhùnadh iomadh turas ann an Gleann Crò.

Tha mì-chinnt ann mu cuin a thèid fuasgladh maireannach fhaighinn dhan trioblaid le maoimtean-slèibhe air an A 83 aig an Rest and Be Thankful.

Bha coinneamh mun chùis ann an Inbhir Aora Diciadain mu na roghainnean a th' ann, aig an robh riochdairean bho Chòmhdhail na h-Alba an làthair.

Às dèidh na coinneimh, thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre, Ailean Reid, gun deach a ràdh gun robh Riaghaltas na h-Alba a' tomhas gum faodadh deich bliadhna a bhith ann mus deadh fuasgladh maireannach a chur na àite.

Ann am brath-naidheachd oidhche Chiadain ge-tà, chaidh Còmhdhail na h-Alba às àicheadh gun deach an leithid a ràdh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile