Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Leig am Prìomhaire Dàibhidh Camshron agus an Ceann-suidhe Obama fhaicinn gum faodadh iad a dhol an sàs ann an suidheachadh Siria, nan cleachdadh feachdan a' Chinn-suidhe Assad armachd cheimigeach an aghaidh nan Reubaltach. Thuirt Sràid Downing gun do dh'aontaich an dithis ann an còmhradh air fòn an-raoir gum feumadh iad sùil as ùr a thoirt air ceist Siria ma 's e agus gun tèid armachd cheimigeach a chleachdadh.

NATO

Thuirt luchd-iomairt gun cùm iad caismeachd shìtheil feasgar an-diugh taobh a-muigh coinneimh Chaibineit na h-Alba ann an Rinn Friù, agus iad a' cur an aghaidh mar a tha ceannardan an SNP am beachd cur às do phoileasaidh a' phàrtaidh a bha gu ruige seo an aghaidh Alba a bhith na ball de NATO. Tha seo ro cho-labhairt a tha a' bhuidheann CND an SNP a' cumail air a' cheist ann an Glaschu far a bheil dùil gun cuir cuid de bhuill ainmeil an SNP an aghaidh Alba neo-eisimeileach a bhith a' fuireach na ball de NATO.

Diageo

Thuirt ceannard na companaidh mòire dibhe Diageo nach toireadh neo-eisimeileachd do dh'Alba buaidh sam bith air na tha iad a' cur an sàs de dh'airgead ann an gnìomhachas na dùthcha. Tha Diageo am beachd £1bn a chur an sàs ann an gnìomhachas uisge-bheatha na h-Alba air an ath chòig bliadhna. #

An Co-op

Dh'innis a' bhuidheann Co-operative gun do thuit am prothaid mu 34% air a' chiad leth den bhliadhna seo an coimeas ris an aon ùine an-uiridh. Bha prothaid roinn bìdhe a' Cho-op sìos 16% agus an roinn bhancaidh 68%. Rinn an Co-op prothaid a dh'aindeoin sin de £174m air a' chiad shia mìosan den bhliadhna.

Loganair

Dh'innis Loganair a tha a' ruith sheirbheisean Flybe dha na h-Eileanan an Iar gu bheil iad air plèana eile a ghabhail air màl a chuidicheas le seirbheisean nas fheàrr dha na h-Eileanan. Tha gearainnean air a bhith ann o chionn ùine mu ìre na seirbheis, ach thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil esan riaraichte gu bheil a' chompanaidh a' feuchainn ri cùisean a chur ceart.

Rest and Be Thankful

Chaidh buidheann còmhdhal an Riaghaltais, Còmhdhail na h-Alba, às àicheadh gun deach innse do Bhall-Pàrlamaid Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, gum biodh cho fada ri deich bliadhna ann mus deadh freagairt cheart fhaighinn do thrioblaid nam maoimtean-slèibhe aig an Rest and Be Thankful air rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal. Tha a' bhuidheann an dùil aithisg le diofar roghainnean airson a' phròiseict fhoillseachadh mu dheireadh na bliadhna seo le clàr-ama mu choinneimh gach roghainn.