Sùil eile air Tòrr na Grèine?
- Air fhoillseachadh

Bhiodh am baile ùr nas motha na tha baile Inbhir Narrann.
Feuchaidh comhairliche ri taic fhaighinn son toirt air Comhairle na Gàidhealtachd coimhead a-rithist ri planaichean connpsaideach baile ùr a thogail aig Tòrr na Grèine faisg air Port-Adhair Inbhir Nis.
Fhuair am pròiseact, le 4,560 taigh, cead dealbhachaidh gun bhòt a bhith air a cumail aig coinneamh na bu thràithe air an t-seachdain.
Thuirt oifigearan nach b' urrainn do chomhairlichean cur na aghaidh leis gun robh e ann am Plana Leasachaidh Ionadail na Gàidhealtachd (HwLDP).
Tha Ruairidh Balfour air a bhith a' cumail choinneamhan le comhairlichean faic an gabh toirt air an ùghdarras meòrachadh air a' chùis uair eile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 An Lùnastal 2012
- 21 An Lùnastal 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh