Dòmhnall Angaidh MacAsgaill
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fear a bhios fad aig an aiseag...

24 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leig fear a th' air a bhith a' giùlain aiseagan eadar Beàrnaraigh, Uibhist agus na Hearadh airson 45 bliadhna, dheth a dhreuchd Diardaoin.

Thòisich Dòmhnall Angaidh MacAsgaill, a tha e fhèin à Beàrnaraigh, ag obair air bàtaichean eadar na h-eileanan goirid an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Ann an 1996, nuair a ghabh Caledonian Mac a' Bhriuthainn thairis an t-slìghe eadar Bearnaraigh agus na Hearadh, ghluais Dòmhnall Angaidh chun na companaidh far an robh e chun an turas mu dheireadh aige feasgar Diardaoin.