Gleann Eilg air nochdadh air Màrs
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Ghlinn Eilge air taobh siar na Gàidhealtachd a' dèanamh gàirdeachais mhòir ri cho ainmeil 's a tha am baile aca a-nis air feadh an t-saoghail - agus gu dearbha ann am fànas...
Tha luchd-saidheans fànais NASA air "Glenelg" a thoirt mar ainm air pìos den phlanaid Màrs - a' chiad phìos air an dèan an robot ainmeil Curiosity sgrùdadh.
Agus tha beagan dòchais ann an Gleann Eilg na h-Alba gun tarraing sin luchd-turais agus eile dhan sgìre acasan.
Chan e gu bheil NASA a' faicinn càil ann an cumantas eadar Gleann Eilg na h-Alba agus Mars ge-tà.
'S e is coireach gun deach an t-ainm (sa Bheurla, Glenelg) a thaghadh, gur e palindrome a th' ann.
Bha iad ag iarraidh àite far am bhiodh an robot a' tadhail dà thuras, 's e a' tighinn 's a' falbh - Glenelg-glenelG.