Chan ordanaichear boireannaich san Eaglais Shaoir

Bìoball Image copyright Getty Images
Image caption Tha an Eaglais Shaor ag ràdh gu bheil na sgriobtairean a' toirmeasg bhoireannach o bhith nam ministearan.

Chuir Modaràtar Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire gu tur an aghaidh beachd gum faodadh an eaglais boireannaich ordachadh mar mhinistearan.

Thàinig am beachd sin bho mhinistear Eaglais Easbaigich an Naoimh Pheadair ann an Steòrnabhagh, an t-Urr. Shona Boardman, 's i ga mholadh mar fhuasgladh air trioblaidean na h-eaglaise le dith mhinistearan.

Thuirt an t-Urr. Iain D Caimbeul ge-tà, nach tachradh sin idir.

"Ma tha an Eaglais Shaor a' dol a sheasamh ri ùghdarras na fìrinne agus ri ùghdarras nan sgriobtairean, chan eil sin ceadaichte," thuirt e.

"Tha fios agam, anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, gu bheil sin a' dol an aghaidh bheachdan mhòran, agus beachdan mhòran eaglaisean cuideachd.

"Ach a' leughadh an Tiomnaidh Nuaidh chan eil mise a' faicinn gu bheil e ceadaichte do bhoireannaich a bhith ann an dreuchd anns an eaglais, agus 's e sin as coireach nach eil sinn air an doras sin fhosgladh.

"Chan eil mi a' dol às àicheadh gu bheil duilgheadas ann. Chan eil ministearan gu leòr againn.

"Ach aig deireadh an là, tha sinn a' creidsinn gur e Dia a tha a' toirt mhinistearan dhan Eaglais, agus gum bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh barrachd ghnothaich ris-san, agus barrachd ùrnaidh ris airson sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile