Preasantair òg Gàidhlig air bàsachadh

Diane Mhoireasdan Image copyright other
Image caption Cha robh Diane ach 25 bliadhna de dh'aois.

Chaochail an craoladair òg Gàidhlig Diane Mhoireasdan.

Bha Diane aithnichte air BBC Alba agus air Radio nan Gàidheal, mar te-lìbhrigidh.

Cha robh i ach 25 bliadhna de dh'aois.

Bha i ùine a' lìbhrigeadh a' phrògraim De Tha Tha Dol air BBC Alba, agus a' nochdadh air grunn phrògraman rèidio.

Chaochail i aig an dachaigh ann an Steòrnabhagh oidhche na Sàbaid.