Corp ga thoirt às a' mhuir far Cholla

  • Air fhoillseachadh
Cladach Cholla
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh seacaid-sàbhalaidh a lorg sa mhuir faisg air làimh.

Chaidh corp iasgair a thoirt às a' mhuir faisg air Eilean Cholla air an deireadh-sheachdain.

Thòisich sgrùdadh ga dhèanamh le buidhinn-teasargainn Disathairne nuair a chaidh bàta fhaicinn 's gun duine air bòrd.

'S iad criubha a' bhàt-aiseig ionadail a mhothaich dhan gheòla 's i a' falbh leis an t-sruth faisg air Àirigh nan Gobhar mu 11:00m Disathairne.

Chaidh bàta-teasargainn Thobair Mhoire a ghairm le Maoir-Chladaich Chluaidh, agus chaidh sgrùdadh a chur air chois le taic bho heileacoptair RAF à Inbhir Lòsaidh, sgioba teasargainn Mhaor-cladaich Cholla agus na h-uidhir de bhàtaichean an eilein.

Chaidh an duine fhaighinn san t-sàl le tè de na soithichean ionadail mu 12:30f.

Chaidh a thogail gu ospadal an Òbain far an do dhearbh lìghichean gun robh e air bàsachadh.

Nuair a chaidh a lorg, cha robh seacaid teasargainn air an duine idir, ged a chaidh tè fhaighinn sa mhuir faisg air làimh.