Sgaradh bheachd mun Taigh Mhòr

Taigh Mòr Ratharsair Image copyright Other
Image caption Chaidh an Taigh Mòr fhàgail na thobhta às dèidh teine mhòir nuair a bha an obair-càraidh gu bhith deiseil.

Tha sgaradh bheachd ann an Ratharsair mu na bu chòir a dhèanamh le Taigh Mòr an eilein - nuair a tha an obair càraidh a thathas a' dèanamh air deiseil.

Bho ghabh companaidh coimhearsnachd thairis an togalach ann an 2007, tha dùbhlain gu leòr air a bhith mun coinneimh.

Rinn teine milleadh mòr air an taigh bho chionn trì bliadhna agus an obair leasachaidh gus a bhith dèante.

Tha dùil gum bi an obair seachad ro dheireadh na bliadhna.

A-nis tha cuid a' ceasnachadh am bu chòir dhaibh a leigeil air màl aon uair eile do dh'Ionad Spòrs a' Bhlàr a-Muigh (Raasay Outdoor Centre).

Gealltannas

Tha beachd ann, seach gu bheil an goireas a-nis cho gleansach, gum bu chòir dhaibh taigh-òsta spaideil a dhèanamh dheth.

"Tha mi a' creidsinn, nuair a choimheadas tu air an taigh an-diugh, mar a tha e air a dhèanamh suas, gu bheil e nas fheàrr na bha e riamh," thuirt John Willie MacGillÌosa, a tha na bhall de bhòrd Companaidh Coimhearsnachd an Taighe Mhòir.

"Tha nàdar can, uinneagan le gloinne dùbailte, 's insulation, 's chaidh mulach an taighe a dhèanamh suas as ùr le luaidh is sglèat.

"Nise, tha mi a' creidsinn gu bheil sin air a sglèatadh nas fheàrr na bha e riamh.

"Tha taobh a-staigh an taighe cuideachd air a dhèanamh suas as ùr.

"Tha daoine air tadhail air, 's dòcha gu bheil e ro mhath airson a bhith na Ionad Blàir a-Muigh far am bi clann a' ruith timcheall an àite 's a' dèanamh tholl sna ballachan 's gnothaichean mar sin, ach chan eil mi a' creidsinn gur e sin a thachras idir.

"Tha a' chompanaidh a bha co-cheangailte ri bhith a' faighinn an Taighe Mhòir air a dhèanamh suas, tha sinn ag obair air a-nise bho chionn sia no seachd bhliadhnaichean, agus tha sinne den bheachd gur e an dòigh as fheàrr a ruith mar a bha e.

"Agus fhuair an fheadhainn aig an robh an Taigh Mhòr mus deach a dhèanamh suas agus mus robh an teine ann gealltannas gum faigheadh iad air ais a-steach dhan taigh nuair a bhiodh e air a dhèanamh suas.

"Cuideachd nuair a bha sinn a' coimhead airson taic-airgid, tè de na ceistean a bh' againn ri fhreagairt, 's e an robh duineigin againn airson a dhol a-steach dhan taigh?

"Agus thuirt sinne gun robh, 's mar sin bha e na b'fhasa dhuinn taic-airgid fhaighinn airson an taigh a dhèanamh suas.

"Feumaidh sinn a dhol leis ge brith dè a bh' air a dhèanamh gu laghail ron a seo.

"An aon dòigh nach rachadh iad a-steach, mur a b' urrainn dhaibh can màl a phàigheadh, no mur a biodh iad fhèin ag iarraidh a dhol ann, an uair sin dh'fheumadh sinn coimhead airson duineigin eile," thuirt e.