Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Geàrrloch

Tha daoine a-muigh a' siubhail nan cladaichean ann an Geàrrloch a' sireadh corp fear de na chaidh a chall ann an tubaist chanù air an deireadh-sheachdain. 'S ann às a' Mhanachainn a tha Eoghainn Peutan. Chaidh a dhithis mhac, Eoghainn òg a bha còig, agus Jamie a bha dà bhliadhna, a thoirt às an uisge, ach chaochaill iad anns an ospadal. Chaochaill cuideachd Gracie NicAoidh às a' Bhlàr Dhubh, a bha còig.

Uisge na h-Alba

Chuir Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, an aghaidh moladh bhon CBI airson Uisge na h-Alba a chur dhan roinn phrìobhaidich. Bha an CBI air an cuid mholaidhean airson buidseat na h-Alba an ath-mhìos fhoillseachadh anns a' mhadainn. Dh'iarr iad cuideachd gun deadh pàigheadh anns an roinn phoblaich a chumail sìos. Ach tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil e an dòchas gun tèid pàigheadh an-àirde beagan às dèidh a bhith reòithte fad dà bhliadhna.

Canaib

Tha daoine a bhios a' smocadh canaib nan deugairean a' dèanamh cron mòr air an cuimhne agus air an eanchainn a rèir rannsachaidh ùir. Fhuair an sgrùdadh gu bheil IQ dhaoine a bhios ri canaib mus ruig iad 18 bliadhna, a' tuitean ochd puingean anns a' chumantas.

Cnoc nan Giall

Tha an obair a' tòiseachadh gus an tuathanas air a bheil sgeama nan tarbh aig Riaghaltas na h-Alba a leasachadh. Dh'fhoillsich an Riaghaltas gu bheil iad air chùmhnant luach £3m a thoirt a thoirt dhan chompanaidh Robertson Construction Eta. Bheir e tuathanas Chnoc nan Giall faisg air Inbhir Nis gu ìre fhreagarraich airson 150 tarbh a chumail.

SAC Bharraigh

Tha Stòras Uibhist air a dhèanamh soilleir gu bheil iad gu tur an aghaidh sgìre ghlèidhte mara a bhith stèidhichte ann an Caolas Bharraigh. Bha a' bhuidheann ann am Barraigh a tha a' cur an aghaidh nam planaichean glèidhteachais air iarraidh air Stòras Uibhist am beachd a dhèanamh soilleir. A' bruidhinn air Aithris na Maidne an-diugh, thuirt Cathraiche an Stòrais, Aonghas Mac Gille Mhaoil, gu bheil iadsan gu tur an aghaidh na sgeama, agus gu bheil iad air tagradh a chur chun an Riaghaltais.

Rachel Corrie

Tha teaghlach boireannaich Aimeireaganaich a chaidh a phronnadh gu bàs fo bhulldozer le arm Israel feargach mu riaghladh cùirteach ann an Israel gur e tubaist a bh' ann. Bha Rachel Corrie a' togail fianais ann an Gàsa nuair a chaidh a marbhadh. Bha an teaghlach air a dhol gu cùirt a shireadh airgid-dhìolaidh. An dèidh breith na cùirteach, thuirt a màthair gur e là duilich a bh' ann do chòirichean daonna agus do dh'Israel.

Uamh Ùr

Chaidh uamh ùr, 100 meatar de dh'fhaid, a lorg anns an Apainn ann an Earra-Ghàidheal. Fhuair eòlaich lorg air nuair a thill iad a thoirt sùil as ùr air tuill anns a' chreig nach robh e comasach dhaibh a ruighinn ron a seo. Chaidh an t-ainm Hugo Boss a thoirt air an uamh an dèidh an aftershave a bh' air an duine a lorg e.