Tha coltas gun dùin grùnn stèiseanan smàlaidh mu thuath

Einsean Smàlaidh
Image caption Coinnichidh am Bòrd-Smàlaidh air 31/08.

Coinnichidh Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Dihaoine, far an tèid bruidhinn air grunn stèiseanan smàlaidh anns an sgìre a dhùnadh.

Thèid iarraidh gun tèid dà stèisean ann an Sealtainn - Foula agus Out Skerries, stèisean Flodaigh ann an Arcaibh agus ionad Choit a' Ghartain a dhùnadh.

Tha an aithisg a' comharrachadh grunn adhbharan airson a' ghluasaid, nam measg nach eil daoine anns na coimhearsnachdan a' tighinn air adhart airson na seirbheis 's cuideachd na chosgadh e uidheamachd ùrachadh 's a leasachadh.

Thuirt am Bòrd nach tèid cùl a chur ri sgìre sam bith ge-tà.

Stèiseanan a bharrachd

Fhad 's a tha na ceithir stèiseanan ud shuas gan comharrachadh airson a bhith air an dùnadh, tha trì eile san sgìre mu bheil ceist cuideachd.

'S iad sin stèiseanan Eilean Eige, Slèite san Eilean Sgitheanach agus Cnòideart.

Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh ann an Slèite, agus an aithisg a chaidh ullachadh air ceist nan stèisean ag ràdh nach eil daoine gu leòr a' tighinn air adhart airson an t-seirbheis a ruith ann.

Tha an aithisg a rinnear dhan Bhòrd ag ràdh nach eil daoine air an treànadh sna sgìrean seo airson dèiligeadh ri èiginn a dh'fhaodadh èirigh.

Tha dragh ann cuideachd mu na chosgadh e uidheamachd agus toglaichean ùrachadh agus a thoirt gu ìre.

Thathas ag ràdh gum faodadh e suas ri £500,000 a chosg a' cumail stèisean Out Skerries ann an Sealtainn a' ruith san ath chòig bliadhna.

Comhairle Shàbhailteachd

Ach, tha am Bòrd ag ràdh nach eil iad idir a' cur cùl ri gin dhe na coimhearsnachdan seo.

Thuirt iad gum bi na stèiseanan as fhaisge fhathast gam frithealadh, 's gum bi iad fhèin a' toirt stiùiridh 's comhairle do dhaoine mu bhith a' seachnadh theintean, agus a bhith sàbhailte.

Tadhlaidh oifigearan air togalaichean agus air dachaighean dhaoine le comhairle air leithid innealan rabhaidh.