150 tarbh do Chnoc nan Giall

Sròin Tairbh Image copyright Gov
Image caption Bidh suas ri 150 tarbh gan cumail air an làraich.

Tha obair a' dol air adhart airson an tuathanas far a bheil tairbh sgeama an Riaghaltais air an cumail a thoirt gu ìre.

Thathas a' sùileachadh gum bi 150 tarbh gan cumail aig tuathanas Chnoc nan Giall, faisg air Inbhir Nis, air am faigh croitearan cothrom, seach a bhith a' giùlain tairbh air an fhearann aca fhèin.

Tha dùil gum bi an obair - luach £3m, agus air a dhèanamh le Robertson Construction Eta - deiseil as t-Earrach 2013.

An cois a' chùmhnaint, tha cothrom airson ceathrar oileanach-ciùird eadar 16 agus 19 bliadhna de dh'aois a bhith a' faighinn greis-ghnìomhachais.

Bidh an tuathanas air a leasachadh gus nach bi dad de sgudail ga chruthachadh ann.

A thuilleadh air buailtean nan tarbh, bidh aonad dàil-amharais far an tèid tairbh a th' air ùr-thighinn a-steach a chumail treis, aonad lèighis-sprèidh, agus seada mòr ioma-chleachdaidh.

Gheibh tuathanaich is croitearan cothrom tadhail air an làraich fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Thèid cuideachd tursan sgoile a chur air adhart, far an ionnsaich clann mu na cunnartan a tha an luib làraichean togail, agus thuathanasan.

Gheibh sgoilearan cuideachd fiosrachadh mu chothroman obrach ann an gnìomhachas an togail.

Tha sgeama tharbh an Riaghaltais air a bhith ann o chionn còrr is 100 bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile