Trioblaidean taigheadais sna h-Eileanan

Làrach-togail
Image caption Buailidh airgead air na dh'fhaodas de thaighean ùra a thogail sna h-Eileanan a dh'aithghearr.

Tha dragh air cuid de Chomhairlichean nan Eilean Siar mun bheachd a th' aig Riaghaltas na h-Alba cur às do chòirichean dhaoine ann an taighean sòisealta na taighean sin a cheannach.

Tha dragh air an Riaghaltas mun àireamh de thaighean sòisealta a tha gan dèanamh prìobhaideach.

Tha dragh air comhairlichean leithid Thormoid MhicLeòid gu bheil seo a' dol an aghaidh ghealltanais a fhuair luchd-màil nuair a chaidh taighean Comhairle nan Eilean Siar a chur fo smachd a' chomainn thaigheadais HHP.

"Nuair a chaidh na dachaighean a bh' againn aig a' Chomhairle a chur a-null gu HHP, thug sinn gealltanas dhan luchd-màil a bh' againn aig an àm gum biodh an còir ceannaich aca fhad 's a bhiodh iad nan luchd-màil," thuirt e.

Stòras

"B' e sin fear de na rudan a bha nar fàbhar nuair a bha sinn a' dèanamh deasbaid leis an luchd-màil, agus bhiodh e glè dhuilich dhuinn a dhol air ais a ràdh riutha nach eil an cothrom sin gu bhith aca tuilleadh.

"Aig deireadh an là 's e an Riaghaltas a dh'atharraicheas e, ach thug sinne mar Chomhairle an gealladh sin.

"Cuideachd, nuair a chaidh am plana gnothachais a bh' aig HHP aontachadh leis a' Chomhairle, le Oifis na h-Alba agus leis na bancaichean, b' e pàirt den phlana sin gun cumadh iad an t-airgead a gheibheadh iad a-steach bho bhith a' reic nan taighean, agus bha e a' cruthachadh stòrais dhaibh.

"Nise ma thèid sin a thoirt air falbh, bhiodh e glè dhuilich dha HHP cumail seirbheis mar a tha iad air a bhith a' toirt seachad thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt e.

Taighean Falamh

A thuilleadh air a' chòir cheannaich, bha comhairlichean a' beachdachadh air na tha de thaighean falamh anns na h-Eileanan Siar, agus mar a ghabhadh iad sin cur ri faochadh a thoirt do ghainnead taigheadais san sgìre.

Chan fhada o dh'fhoillsich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid planaichean a bheireadh taic-airgid do dhaoine leis a bheil taighean falamh airson an sgeadachadh 's a chur a-mach air màl fad co-dhiù deich bliadhna.

Thathas a' dèanamh dheth gu bheil mu 800 taigh nan laighe falamh anns na h-Eileanan Siar - a thuilleadh air taighean-samhraidh agus dàrna dachannan - agus cho-dhùin a' Chomhairle gun cuir iad a-steach airson earrainn de dh'iasad bho stòras £2m a th' aig Riaghaltas na h-Alba airson taighean falamh a leasachadh 's a chur a-mach air màl.

Tha ceist ann ge-tà, an gabhadh an t-airgead cur an sàs anns na h-Eileanan.

"Feadhainn de na dachaighean air a bheil sinn a' bruidhinn, tha iad a' feumachdainn tòrr mòr obrach airson an toirt air ais gus an gabhadh iad a bhith air an cleachdadh," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Ach anns a' chiad àite feumaidh sinn a bhith soilleir mu dheidhinn nan riaghailtean a tha co-cheangailte ris an iasad a tha seo.

"Bhon thathas ag ràdh, ma tha airgead poblach air a bhith air a chur an sàs ann an gin de na taighean a tha seo taobh a-staigh de 30 bliadhna, nach gabh an iasad a tha seo a bhith air a chleachdadh.

"Agus ma tha sin a' gabhail a-steach sgeamaichean seasgaireachd dachaigh, a th' air a bhith gu math bitheanta anns na h-Eileanan anns na dhà no thrì bliadhnaichean a chaidh seachad, tha e gu bhith an ìre mhath ao-comasach dhuinn gin de na dachannan a tha sin a thoirt air ais gu feum a' cleachdadh an iasaid a tha seo.

Taighean Ùra

"Ach chan e sgeama mòr a th' ann, agus chan eil e a' dol a dhèanamh eadar-dhealachaidh mhòir sam bith anns an fharsainneachd dhan trioblaid a th' againn le cion-dachaigh dha cuid de dhaoine anns na h-Eileanan.

"Ach feumaidh sinn coimhead ris a h-uile càil is urrainn dhuinn a dhèanamh, agus a h-uile sgillinn is urrainn dhuinn a chleachdadh airson suidheachadh dachaigheachd nan Eilean a dhèanamh nas fheàrr," thuirt e.

Tha a' Chomhairle cuideachd a' faicinn duilgheadais mhòir a thaobh a bhith a' togail thaighean ùra anns na bliadhnaichean a tha ri teachd.

"Dh'fheumainn a ràdh, leis an fhiosrachadh a tha sinn a' faighinn mu dheidhinn an airgid a tha an Riaghaltas a' dol a chur ri taic airson a bhith a' cur dachannan a-mach air màl anns an roinn phoblaich, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn gu bhith ann an suidheachadh duilich dha-rìribh.

"Chuala sinn aig a' choinneimh nach robh e gu bhith comasach dhuinn ach beagan is còrr air 30 dachaigh a thogail a' cleachdadh na taic a tha sin anns na trì bliadhna a tha romhainn.

"Anns na còig bliadhna a chaidh seachad chaidh còrr is 300 a thogail anns na h-Eileanan.

"Tha sin a' sealltainn dhut an eadar-dhealachaidh a tha gu bhith ann," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile