Fèin-fhiughantachd à Fàsaich?

Glasraichean Image copyright Science Photo Library
Image caption Canar Lios an Eilein Sgitheanaich ri Slèite gu traidiseanta.

Tha iomairt a' dol ann an Slèite san Eilean Sgitheanach talamh croite bàn a chur gu feum airson glasraich a chur.

Tha beachd ann gum faodadh an sgìre là brèagha air choireigin a bhith a' cur a h-uile càil a tha a dhìth air an luchd-còmhnaidh.

Sin amas an fheadhainn air cùl a' ghàrraidh choimhearsnachd ann an Armadail, far an deach cuirm a chumail Dimàirt mar phàirt den fhèis-bhìdhe nàiseanta, Blasda.

A thuilleadh air càl nan ceann agus buntàta bhon ghàrradh choimhearsnachd, bha sìthean bhon sgìre ga thabhainn don fheadhainn a nochd.

Fàsach

Bidh mòran chruinneachaidhean den leithid air feadh Alba mar phàirt den fhèis, a tha ag amas air biadh ionadail a bhrosnachadh am measg an t-sluaigh.

"Tha e a' dèanamh tòrr ciall," thuirt Fearghas Walker, bhon bhuidhinn The Fife Diet.

"Chan eil e a' siubhail cho fada 's mar sin chan eil sinn a' losgadh an t-uabhas connaidh 's a' dèanamh tòrr chàrboin.

"Agus tha e a' brosnachadh na h-eaconamaidh ionadail, 's tha thu a' faighinn biadh tòrr nas fheàrr a tha thusa a' fàs thu fhèin.

"Agus mar sin tha fios agad nach deach puinnsean no càil mar sin air," thuirt e.

Tha an fheadhainn a bh' air cùlaibh a' ghàrraidh choimhearsnachd ann an Armadail ag amas air rud nas motha a dhèanamh a dh'ionnsaigh nan amasan a tha sin.

Tha an sùil air talamh croitearachd mar dhòigh air na 's urrainnear de bhiadh fhàs san sgìre fhèin.

"Ma bheir sinn leudachadh air a' phrògram thairis air na bliadhnaichean a tha ri thighinn, tha sinn dòchasach gun urrainn dhuinn a thoirt a-mach dhan talamh chroitearachd," thuirt am prìomh ghàirnealair, Henry Mains.

"Leis na croitean bàna, agus leis an uidheamachd cheart, dh'fhaodadh sinn a bhith fèin-fhiughantach a thaobh ghlasraichean.

"'S e na tha fa-near dhuinn ach grantaichean fhaighinn airson uidheamachd is acfhainn a cheannach, gus an toir sinn talamh croitearachd nach eil a' cruthachadh càil air ais gu feum.

"Tha an t-uabhas fearainn nach eil air a chleachdadh air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus ma 's urrainn dhuinn an uidheamachd cheart fhaighinn cha toir e ach aonar no dithis airson achadh a thoirt air ais gu feum.

"Bha am fearann an seo an-uiridh na fhàsach. Cha robh càil idir ann - ach cuiseagan," thuirt e.

'S e amas Blasda gun tòisich coimhearsnachdan eile a' smaoineachadh san aon dòigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile