Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clegg

Tha an dà chuid na Làbaraich agus na Tòraidhean air an Leas-Phrìomhaire, Nick Clegg, a chàineadh airson mar a dh'iarr e barrachd chìsean a chur air na daoine as beartaiche. Thuirt ceannard nan Lib-Deamach gum bu chòir leithid de chìs a chur orra rè ùine gus am faigheadh an dùthaich a-mach às a' chrìonadh eaconamach. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil Mgr Clegg a' smaoineachadh gu bheil muinntir Bhreatainn gòrach - tha fhios aca gun do bhòt e airson na cìsean as àirde a lùghdachadh anns a' bhuidseat. A rèir a' Bhuill-Phàrlamaid Thòraidhich, Bernard Jenkins, bheireadh cìs dhen t-seòrsa air daoine beartach Breatainn fhàgail.

Bob Bird

Chaidh fear a bha roimhe na dheasaiche air an News of the World ann an Alba, Bob Bird, a chur an grèim. Tha na poilis ga cheasnachadh air amharas gun do dh'fheuch e ri bacadh a chur air ceartas. Tha e co-cheangailte ri a' chùis anns an tug an seann Bhall-Pàrlamaid Tomaidh Sheridan am pàipear gu lagh bho chionn dà bhliadhna 's e a' cumail a-mach gun do mhill iad a chliù.

Na Geamaichean Para-limpigeach

Tha na mìltean a' coimhead lasair nan Geamaichean Para-limpigeach a' dol tro Lunnainnn ron chuirm mhòir fhosglaidh a-nochd. Bidh a' chuirm a' toiseachadh aig leth uair an dèidh ochd aig Stèidiam nan Olimpics.

Tidsearan

Coimheadaidh Comhairle nan Eilean Siar ri gearraidhean am measg thidsearan a tha a' tadhail nam bun-sgoiltean a' teagasg leithid ceòl agus PE. Bha iad air co-dhùnadh bho chionn dà bhliadhna sin a dhèanamh, ach cha deach iad air adhart leis. Bha pàrantan air gearain mun phlana. Ach tha a' Chomhairle a-nise a'dol a choimhead ris a-rithist.

Deoch-làidir

Chan eil muinntir na h-Alba ag òl uidhir de dheoch-làidir 's a bha, a rèir àireamhan ùra airson na tha bùithdean a' reic. Eadar 2010 agus 2011, chaidh na reic iad de dheoch-làidir sìos 4%. Ach tha fhathast 10% a bharrachd deoch ga reic na bha bho chionn 18 bliadhna. Agus tha 20% a bharrachd ga reic an seo na tha ann an Sasainn 's anns a' Chuimrigh.

Autism

Tòisichidh sgeama ùr ann an Inbhir Nis airson teaghlaichean chloinne air a bheil autism a leigeil dhan amar-snàimh an asgaidh. Tha Inverness Leisure ag ràdh gur i a' chiad sgeama de seòrsa ann an Alba, 's tha iad air taic-aigid fhaighinn bhon Riaghaltas ann an Dùn Èideann.

Eich-mhara

Tha rannsachadh ga dhèanamh airson feuchainn ri dhèanamh a-mach na tha de dh'eich-mhara air cladaichdean na h-Alba. 'S e Ionad na Mara anns an Òban a tha ga ruith, 's tha iad ag iarraidh air iasgairean agus daibhearan ìnnse dhaibh mu chì iad gin. Tha e air a bhith mì-laghail buntainn do dh'each-mhara bho chionn ceithir bliadhna, 's tha a-nis planaichean ann airson barrachd dìon a chur orra.