Tha dragh ann gum mill làraidhean rathaidean an Taobh Siar

Inneal Oyster Image copyright AQUAMARINE POWER
Image caption Thèid duais an Saltire a thoirt seachad ann an 2017.

Tha dragh ann gum faodadh làraidhean a bhios a' frithealadh air sgeama cumhachd mara air an Taobh Siar ann an Leòdhas, milleadh a dhèanamh air rathaidean na sgìre.

Tha a' chompanaidh Aquamarine Power a' dol a leasachadh sgeama ann, 's iad ag amas air duais Saltire an Riaghaltais.

Ach le dùil ri suas ri deich làraidhean san là thar naoi mìosan de dh'obair, tha dragh ann nach seas na rathaidean ris.

Chaidh Aquamarine Power ainmeachadh Dimàirt mar thè de cheithir chompanaidhean a bhios a' srì airson na duais, a tha luach £10m.

Rathaidean

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh - a tha na Chomhairliche air an Taobh Siar - gu bheil e a' cur fàilte air leasachadh na companaidh, ach gu bheil dragh air mun bhuaidh a bheir na làraidhean air rathaidean na sgìre.

"Tha e a' dèanamh dragh dhomh an staid anns a bheil na rathaidean mar thà, gu bheil seo a' dol a dhèanamh tuilleadh millidh orr'," thuirt e.

Thuirt an Comh. MacAoidh nach eil na rathaidean anns an sgìre ann an staid a tha freagarach airson nan làraidhean a tha seo agus dh'iarr e gun deadh airgead a chur mu seach airson dèanamh cinnteach gu bheil na rathaidean a' tighinn chun na h-ìre a tha a dhìth airson na h-obrach a tha a' chompanaidh ag iarraidh a dhèanamh.

Thuirt e gu bheil e an dòchas gun tèid cùmhnant a chur an lùib cead na companaidh, a dhèanamh cinnteach gun tèid milleadh sam bith a thèid a dhèanamh air na rathaidean a chàradh.

Chaidh e às àicheadh gun cuireadh an dàrna cuid staid nan rathaidean, neo cumhadh gum feumadh iad a bhith an urra ri an càradh, feagal air a' chompanaidh.

"Oh chan eil mi a' smaoineachadh gun cur sin càil de dh'eagal orra. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad deiseil airson a thighinn agus chan eil mi a' smaoineachadh gun cuir seo càil orra."

Duais an Saltire

Tha an leasachadh ann an Siadar gu bhith aig cridhe na h-iomart a nì Aquamarine Power air duais chumhachd mara an Riaghaltais, Duais an Saltire.

Chaidh innse Dimàirt gum bi iad fhèin agus trì chompanaidhean eile a' srì airson na duais, fo am faigh tè dhiubh £10m de dh'airgead phoblach airson an cuid sgeamaichean a thoirt gu buil.

Feumaidh na companaidhean dearbhadh gun urrain dhaibh dealain a chruthachadh bho neart na mara a-mhàin, airson dà bhliadhna sreath a chèile. 'S iad a' chompanaidh as motha a nì de dhealan san àm sin, a bhuannaicheas an duais.

Tha Aquamarine Power ag ràdh gur ann an Siadar a thèid an sgeama aca-san airson feuchainn ris an duais a bhuannachadh a stèidheachadh, le na h-innealan Oyster aca.

'S iad ScottishPower Renewables, Pelamis Wave Power agus MeyGen na trì chompanaidhean eile a bhios a' strì airson na duais.

Chaidh ùidh a nochdadh ann le cha-mhòr 200 companaidh bho chòrr air 30 dùthaich air feadh an t-saoghail.

Thèid ainmeachadh ann an 2017 cò a th' air an duais a bhuannachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile