BBC Naidheachdan

Ceannard Chal Mac a' fàgail

Published
image captionThòisich Mgr Robasdan san dreuchd ann an 2010.

Tha Àrd-oifigear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air a dhreuchd fhàgail, às dèidh beagan is dà bhliadhna san obair.

Cha chanadh Cal Mac ach gun do roghnaich Eardsaidh Robasdan a dhreuchd fhàgail.

Chaidh Mgr Robasdan fhastadh don chompanaidh sa Chèitean 2010 mar cheannard air Cal Mac, agus air Aiseagean North Link, aig an robh cùmhnant nan Eileanan mu Thuath.

Chaill North Link an cùmhnant sin, a bha luach £40m, ris a' chompanaidh Serco.

Tha coltas ann a-nis gum faodadh iadsan tairgse a dhèanamh airson slighean Chal Mac air a' chosta an Iar, nuair a thig an cùmhnant a th' ann an-dràsta gu crìch as t-Fhoghar an ath-bhliadhna.

Chan eil an Riaghaltas fhathast air innse dè bhios an luib nan cùmhnantan, neo an cuirear iad uile a-mach gu tairgse mar aon chnap.