Stad air sgiopaichean poblach

Sgiop
Image caption Fhuair a' Chomhairle rabhadh bho Bhuidhinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd mu na sgiopaichean.

Chaidh stad a chur air seirbheis nan sgiobaichean-sgudail sna h-Eileanan Siar, 's dragh ann gun robh riaghailtean sàbhailteachd gam bristeadh.

B'fheudar don Chomhairle an t-seirbheis a tharraing às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn bho Buidhinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd gun robh cunnart an lùib nan sgiopaichean.

"Tha dleastanas air ge b' e cò a tha a' cur seirbheisean air adhart, slàinte is sàbhailteachd a bhith aig cridhe a' ghnìomhachais," thuirt ceannard Sheirbheisean Poblach aig Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach Iain MacLeòid.

"Agus leis gu bheil na sgiopaichean sin a-muigh gun duine a' coimhead às an dèidh, tha cothrom aig daoine fhèin càil sam bith a chur ann.

"An uair sin tha an luchd-obrach againn fhìn a' dèanamh sgaraidh air sin agus a' taghadh a-mach, tha cunnart ann gun fhios againn dè an sgudail a chaidh a chur dha na sgiopaichean sa chiad àite.

"Cuideachd tha daoine a' dol dha na sgiopaichean sin le rudan airson tilgeil iad fhèin agus 's mathaid gum faic iad rud ann a tha iad airson a thoirt a-mach airson ath-chleachdadh iad fhèin.

"Tha cunnart ann gum faodadh iad gearradh iad fhèin ma tha iad a' dol dhan sgiop, clann a' dol ann aig àm bonfire an-dràsta a' tighinn an-àirde.

"Tha e dha-rìribh cunnartach dha duine sam bith a dhol am broinn sgiop," thuirt e.

Ach nochd cuid de na buill dragh gun tòisich daoine a' leigeil sgudail ri taobh an rathaid, dhan mhòintich 's dhan chladach.

"Tha mi a' smaointinn gur e ceum air ais a th' ann, a' toirt air falbh na seirbheis sin," thuirt an Comh. Dòmhnall "Cudig" MacLeòid.

"Ach tha mi an dòchas nach tèid a' choimhearsnachd air ais chun an t-suidheachaidh a bh' againn mus tàinig an t-seirbheis a bha seo, nuair a bha daoine a' cur às dhan sgudail a h-uile dòigh air an smaoinich iad, dhan chladach, 's a-mach dhan mhòintich. ]

"'S e seirbheis a a bh' ann a bha a' dèanamh mìorbhaill anns an àite, 's bha e a' toirt air falbh tòrr sgudail bho thaighean dhaoine 's bha iad gu math deidheil air an t-seirbheis a bh' ann.

"Chaidh bruidhinn air dòigh no trì a th' ann airson a dhèanamh, agus tha aonan aca, 's e gum bi làrach ann agus gum bi cuideigin air an làraich aig an uair a bhios na sgiopaichean fosgailte. Tha iad a' bruidhinn air sgiopaichean dùinte fhaighinn an àite an fheadhainn fosgailte a th' ann an-dràsta," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile