BBC Naidheachdan

Dàil air amar-snàimh a leagail ga dheasbad leis a Chomhairle

Published
image copyrightAFP
image captionTha cùmhnantan aontaichte airson an togalach a leagail.
Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd air dàil a chur air seann amar-snàimh Phort Rìgh a leagail.
Thàinig iarrtas bhon Chomhairle Coimhearsnachd nach leagair an togalach an-dràsta mar a thathas an dùil.
Tha a' Chomhairle Coimhearsnachd ag iarraidh sgrùdaidh neo-eisimeilich air an gabh an togalach glèidheadh.
Nan tachradh sin, thuirt fear-labhairt na Comhairle gum biodh cosgais na lùib seach gun deach cùmhnantan aontachadh airson an togalach a leagail.
Tha iomairt air a bhith a' dol o chionn ghoirid airson an seann amar-snàimh a shàbhaladh.