Cait fhiadhaich a' dol à bith ann an Alba?

Cat Fiadhaich Image copyright RSPB Scotland via PA
Image caption Tha na cait air crìonadh gu mòr thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha oidhirp ùr ga dhèanamh cait fhiadhaich na h-Alba a shàbhaladh.

Thathas a' dèanamh dheth ach eil ach na ceudan dhiubh air fhàgail nan àrainneachd nàdarra, agus tha eòlaichean a' moladh plana-gnìomha nàiseanta airson an àireamh sin a dhìon.

Tha rannsachadh a mhair trì bliadhna agus a chaidh a dhèanamh le Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh - air dearbhadh cho tearc 's a tha cait fhiadhaich.

Sheall an sgrùdadh, a chleachd fianais bho chamarathan, agus na fhuaireadh de bheathaichean marbha ri taobh an rathaid, nach robh ach glè bheag dhiubh a' tighinn beò ann am Bàideannach agus Srath Spè, agus ann an Siorrachd Pheairt.

Fhuaireadh cuideachd nach robh fianais ann gun robh gin dhiubh rin lorg ann an Srath Dhè, an Srath Dheathainn air neo ann an Glinn Aonghais.

Tha eòlaichean a' meas nach eil ach 150 càraid dhiubh air feadh na dùthcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile