"Chan eil soidhnichean Gàidhlig cunnartach"

Soidhne-rathaid Dà-chànanach
Image caption Chaidh an rannsachadh iarraidh ann an 2009.

Fhuair aithisg nach eil cunnart an lùib shoidhnichean-rathaid dà-chànanach air rathaidean na h-Alba.

Rinn Deuchainnlann an Rannsachaidh Chòmhdhail sgrùdadh, air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas Albannach, às dèidh mar a chaidh draghan a nochdadh gun robh iad ag adhbharachadh thubaistean.

Chaidh stad a chur air poileasaidh a bhith a' cur shoidhnichean dà-chànanach an-àirde ann an 2009, às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd iarraidh air Rùnaire na Còmhdhail aig an àm, Stiùbhart Stevenson, gun cuirte barrachd shoidhnichean Gàidhlig is Beurla an-àirde air prìomh rathaidean.

Thuirt Mgr Stevenson gun robh fianais labhairte ann gun robh soidhnichean dà-chànanach a' toirt air dràibhearan car-iomlan a dhèanamh.

Thuirt co-dhùnadh na h-aithisg: "Thathas a' co-dhùnadh, fhad 's a tha fianais ann gur dòcha gun cuir soidhnichean-rathaid dà-chànanach ri uallach dhràibhearan, gum faod dràibhearan dèiligeadh ri sin, agus mar sin dheth, nach eil iad nan adhbhar airson barrachd chunnairt thubaiste.

"Dh'aontaich sgrùdadh air dàta thubaistean ann an Alba ris a' cho-dhùnadh sin, a' lorg nach eil fianais ann gun toir soidhnichean dà-chànanach leudachadh no lùghdachadh air na th' ann de thubaistean-rathaid."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile