Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Berezovsky v Abramovich

Cha do shoirbhich idir leis an fhear-ghnothaich Ruiseannach, Boris Berezovsky, na strì laghail an aghaidh Roman Abramovich, dham buin cluba buill-choise Chelsea. Chuir britheamh aig an Àrd-Chùirt ann an Lunnainn às do thagradh bho Mhgr Berezovsky, a tha a' fuireach ann am Breatainn, gun do rinn Mgr Abramovich dubh-mhàl agus maoidheadh airson earrainnean ann an gnìomhachas na h-ola a reic air suim gu math nas lugha na b'fhiach iad.

Mitt Romney

Tha Mitt Romney air òraid a dhèanamh a' gabhail air fhèin seasamh dha na Poblachdaich ann an taghadh a' Chinn Suidhe anns na Stàitean Aonaichte anns an t-Samhain. Dh'innis e do cho-labhairt nam Poblachdach ann am Florida, gu bheil an Ceann-suidhe Obama a' gealltainn an saoghal a chur ceart, ach gun geall esan daoine àbhaisteach agus an teaghlaichean a chuideachadh. Thuirt Mgr Romney cuideachd gun geàrr e fiachan na dùthcha, agus gun cruthaich e 12,000,000 cosnadh.

Julian Assange

Thuirt an duine a chuir an làrach-lìn Wikileaks air bhonn, Julian Assange, gu bheil e an dùil fuireach ann an Ambasaid Ecuador, ann an Lunnainn airson eadar sia mìosan agus bliadhna eile. Ann an agallamh a chaidh a chraoladh ann an Ecuador, thuirt e gur e an rud as coltaiche a thachras, gun tèid na casaidean na aghaidh san t-Suain a leigeil às. Tha an t-Suain ag iarraidh Mhgr Assange airson a cheasnachadh mu ionnsaigh dhrabasta, ach tha dragh air gun cuir an t-Suain às an sin e dha na Stàitean Aonaichte.

Brian MacUilleim

Chaidh Brian MacUilleim, a bha aig aon àm na mhinistear ann an Riaghaltas Làbarach, ainmeachadh mar Thosgaire Malairt do Bhreatainn. 'S e dreuchd ùr a tha seo, a dh'fhoillsich Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore an-diugh. Agus bidh, am measg rudan eile, dleastanas air Mgr MacUilleim gnìomhachas Albannach a bhrosnachadh.

Soidhnichean Dà-chànanach

Thàinig rannsachadh air prìomh rathaidean na h-Alba dhan cho-dhùnadh nach eil soidhnichean dà-chànanach a' dèanamh dad a bharrachd chunnairt do dhràibhearan. Thuirt an rannsachadh, do bhuidhinn còmhdhail na h-Alba Transport Scotland, ged a tha soidhnichean le ainmean-àite Gàidhlig a' cur tuilleadh uallaich air dràibhearan, gu h-àraid air feadhainn aig nach eil eòlas air a' chànan, nach eil dearbhadh sam bith ann gu bheil iad a' cur ri tubaistean.

Sgoil Ghàidhlig

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar beachdachadh air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh. Rinn Iain Aonghas MacAoidh moladh air taic na Comhairle dhan Ghàidhlig, ach thuirt e gu bheil sgoiltean sna h-Eileanan fhathast anns am faodadh tuilleadh chloinne a bhith a' faighinn an oideachaidh anns a' Ghàidhlig.

Fearann

Tha Aonadh nan Tuathanach ag ràdh gu bheil iomairt Riaghaltas na h-Alba gu ruige cumhachd ath-nuadhachail a' cur àiteachais ann an cunnart. Tha an NFU ag ràdh gu bheil iarrtas airson fearainn agus coille airson sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail a' cur cuideim air mòran den talamh as torraiche airson tuathanais.