BBC Naidheachdan

Rabhadh mu chasg ghunnaichean

Published
image copyrightPA
image captionTha dragh air a' chomann nach tèid aca air gunnaichean a chur a dh'àiteachan gu h-eaconamach.

Tha Comann Gheamairean na h-Alba air rabhadh a thoirt gun tèid call mòr air luchd-gnothaich ann an sgìrean dùthchail, ma chuireas Oifis a' Phuist casg air giùlain ghunnaichean is pheileirean tron phost.

Tha an comann ag ràdh gum biodh e ro chosgail companaidhean prìobhaideach a phàigheadh airson bathair den t-seòrsa a ghiùlain.

Thuirt Oifis a' Phuist nach biodh buaidh mhòr sam bith aige seo air sgìrean dùthchail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Comann Gheamairean na h-Alba (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh