MacUilleim na Thosgaire Malairt do Bhreatainn

Brian MacUilleim
Image caption Tha Mgr MacUilleim mar thà na bhall air Bòrd a' Ghnìomhachais Albannaich.

Chaidh Cathraiche na companaidh Harris Tweed Hebrides, Brian MacUilleim, ainmeachadh mar Thosgaire Malairt do Bhreatainn.

Bha Mgr MacUilleim roimhe na mhinistear airson Malairt is Cumhachd ann an Riaghaltas Làbarach.

Chaidh an dreuchd ùr ainmeachadh le Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore Dihaoine.

Am measg nan dleastanasan a bhios aige, bidh gnothachasan Albannach a bhrosnachadh, an dà chuid ann an Alba agus thall thairis.

"Tha malairt gun taobhadh poileataigeach, agus tha i a' ciallachadh gu dìreach obraichean agus beartas aig an taigh," thuirt Mgr MacUilleim.

"Tha mi gu math deònach na 's urrainn dhomh de thaic a chur ri companaidhean Albannach agus Breatannaich thall thairis, agus gus barrachd de na gnothachasan againn a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an às-mhalairt," thuirt e.

Tha Mgr MacUilleim an-dràsta na bhall de Bhòrd a' Ghnìomhachais Albannaich, a tha na bhuidheann de luchd-comhairleachaidh a chuir Rùnaire na h-Alba air bhonn.

Bidh e na chathraiche air comataidh a choimheadas ri mar a dh'fhaodadh barrachd chompanaidhean a bhith a' reic thall thairis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile